Foghlam Gàidhlig gu bhith ga dheasbad sa Phàrlamaid an-diugh #gaidhlig


Thèid Deasbad Ìre 1 a chumail air Bile an Fhoghlaim (Alba) feasgar an-diugh (Diardaoin 29/10/15). Tòisichidh seo goirid as dèidh 2f agus faodar coimhead air beò air loidhne.

education bill

Tha ùidh mhòr air a bhith aig luchd na Gàidhlig san reachdas seo, anns a bheil ullachaidhean mu fhoghlam Gàidhlig.

Ghabh Comataidh Foghlam is Cultar fianais anns a’ Ghàidhlig air a’ chuspair seo air ais san Ògmhios agus bhon uair sin, tha a’ chomataidh air Aithisg Ìre 1 fhoillseachadh le am beachdan is molaidhean a thaobh bun-phrionnsabalan a’ bhile.  Tha an earrann mun bhile a thaobh foghlaim sa Ghàidhlig ri faighinn sa Ghàidhlig.

Seo an fhreagairt a chur Riaghaltas na h-Alba don Chomataidh don aithisg.

education scotland bill

Ìrean Bhilean

Aig deasbad ìre 1, bidh a’ Phàrlamaid a’ deasbad agus a’ bhòtadh air bun-phrionnsabalan a’ bhile agus am bu chòir dhan bhile leantainn.

Ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid ris na bun-phrionnsabalan, thèid am bile air adhart gu Ìre 2.

Aig ìre 2, thèid bilean a sgrùdadh loidhne air an loidhne leis a’ Chomataidh. Faodar atharrachaidhean a dhèanamh air a’ bhile aig an ìre seo.

Às dèidh ìre 2, thèid am bile gu ìre 3 – seo deasbad leis a’ Phàrlamaid air fad san t-seòmar. Faodar atharrachaidhean a dhèanamh aig an ìre seo cuideachd.

Ma thèid  aontachadh ris a’ bhile aig ìre 3, thèid am bile na lagh às dèidh aonta Rìoghail fhaighinn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

One thought on “Foghlam Gàidhlig gu bhith ga dheasbad sa Phàrlamaid an-diugh #gaidhlig

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s