Seisesanan Gàidhlig sa Phàrlamaid airson Seachdain na #Gàidhlig @SnaGaidhlig


Tha Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ gabhail pàirt ann an Seachdain na Gàidhlig (18-25 Dàmhair) ann an Dùn Èideann.

‘S e iomairt coimhearsnachd ùr a tha seo a tha a’ taisbeanadh na tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

SnaG logo

Tha sinn a’ cur dà thachartas air dòigh.

22/10/15, 10m-12f: Gabh pàirt sa Phàrlamaid (tron Ghàidhlig) –  turas treòraiche agus bùth-obrach tro mheadhan na Gàidhlig, a’ coimhead air mar as urrainn dhut do ghuth a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba.

23/10/15, 10m-12f: Gabh pàirt sa Phàrlamaid (dà-chànanach) – airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – turas treòraiche agus bùth-obrach san dà-chànan, a’ coimhead gu sònraichte air Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh teatha/cofaidh rim faighinn.

Tha na tachartasan saor is an-asgaidh ach feumar clàradh. Ma tha thu airson tighinn, leig fios thugainn aig gaidhlig@scottish.parliament.uk.

Airson barrachd fios mu Sheachdain na Gàidhlig, faic an làrach-lìn aca no lean air twitter iad aig:  @SnaGaidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s