Am BBC ann an Alba – dè do bheachd? #gaidhlig #craoladh #gaelic


A bheil ùidh agad ann an craoladh ann an Alba? A bheil beachd sam bith agad air craoladh Gàidhlig?

Tha Comataidh Foghlaim is Cultar Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh do bheachdan a chluinntinn mar phàirt den rannsachadh ùr aca air ath-nuadhachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC.

Ath-nuadhachadh Cairt-rìoghail a' BhBC: Togalach a' BhBC, Glaschu

Ath-nuadhachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC: Togalach a’ BhBC, Glaschu

Dè cho math agus as tha am BBC a’ frithealadh air Alba agus luchd-amhairc ann an Alba? Am faodadh Alba cuibhreann nas cothromaiche fhaighinn de dh’airgead a’ BhBC? Dè do bheachd air na tha am BBC a’ dèanamh anns a’ Ghàidhlig agus cànanan eile na h-Alba? Seo cuid de na ceistean a tha Comataidh Foghlaim is Cultair Pàrlamaid na h-Alba a’ cur agus iad a’ toirt sùil, bho shealladh Albannach, air mar a tha Cairt a’ BhBC gu bhith air a h-ùrachadh. Dè do bheachd air craoladh Gàidhlig?

Am measg nam prìomh chùisean eile air am bi a’ Chomataidh a’ coimhead tha meud agus farsaingeachd a’ BhBC, agus an dòigh sa bheil am BBC ag obair còmhla ri agus ri taobh meadhanan craolaidh is foillseachaidh eile ann an Alba.

Tha a’ Chomataidh air ceisteachan air-loidhne a chur air dòigh. ‘S e suirbhidh goirid a th’ ann agus gabhaidh a lìonadh gu luath. Ged is ann sa Bheurla a tha e, faodar na bogsaichean teacsa a lìonadh sa Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s