Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba a dh’aona ghuthach ri Bile Cànain Soidhnidh Bhreatainn an t-seachdain sa chaidh (17/8/2015).
‘S e amas a’ bhile seo a bhith a’ brosnachadh cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn. Bithear a’ dèanamh seo tro ullachadh Plana Nàiseanta BLS agus le bhith a’ toirt air ùghdarrasan poblach air an sònrachadh a bhith a’ cruthachadh planaichean Cànain airson BSL.
Seo geàrr-iomradh a’ bhile:
A Bill for an Act of the Scottish Parliament to promote the use of British Sign Language including by making provision for the preparation and publication of a British Sign Language National Plan for Scotland and by requiring certain authorities to prepare and publish their own British Sign Language Plans in connection with the exercise of their functions; and to provide for the manner in which such plans are to be prepared and for their review.
Mar a chithear bhon gheàrr iomradh, tha am bile seo coltach ri Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 ann an iomadh dòigh. Tha luchd na Gàidhlig air ùidh mhòr a nochdadh anns a’ bhile seo tron phròiseas, a tha a’ tighinn 10 bliadhna às dèidh don Phàrlamaid Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh.
Sgrìobh sinn post blog roimhe mun Bhile agus mun fhianais a chaidh a thoirt dhan chomataidh mu Achd na Gàidhlig agus a’ bhuaidh a thug e air leasachadh na Gàidhlig.
Faodar Aithisg Oifigeil na coinneimh a leughadh air loidhne. Tha am fiosrachadh air fad mun bhile ri fhaighinn air duilleag a’ bhile.
Bha sluagh mòr de luchd-taic is luchd-labhairt Cànan Soidhnidh Bhreatainn airson deasbad a’ bhile fhaicinn. Aig deireadh na coinneimh thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:
The motion is agreed to and the British Sign Language (Scotland) Bill is passed. I take this opportunity to thank Mark Griffin, the Government and the Education and Culture Committee for all their work in bringing the bill to this stage.
I also thank our parliamentary staff, who have excelled themselves. I also take this opportunity to thank all our signers today. You have done a fantastic job, and the whole Parliament thanks you for it.
Members can see for themselves the reaction of the deaf and deafblind community and how much this bill means to them—and I say to members, thank you.
Rinn sgioba craolaidh na Pàrlamaid bhideo snog mu na beachdan aig na daoine a bha an làthair airson coimhead air an deasbad air a’ bhile.
Alasdair
gaidhlig@scottish.parliament.uk