Lean air Instagram sinn! #gaidhlig


Tha Pàrlamaid na h-Alba air YouTube, Soundcloud, Facebook is Twitter mar-thà ach tha an Sgioba Ruigsinn againn a-nis air Instagram, an aplacaid airson dealbhan cuideachd.

IMG_7139

Bidh sinn a’ cur dealbhan suas bho sgioba ruigsinn na Pàrlamaid, a’ coimhead air na tha tachairt a thaobh foghlam, Gàidhlig is obair sa choimhearsnachd. Tha sinn airson sealltainn dhuibh dè tha sinn ris, càite a bheil sinn a’ dol, cò tha ag obair còmhla ruinn agus dè tha a’ tachairt air cùl dorsan na Pàrlamaid.

Ma tha thu air Instagram agus airson ar leantainn, faodar sin a dhèanamh aig @EducationSP.

Agus ma tha thu a’ postadh rud sam bith co-cheangailte ri Pàrlamaid na h-Alba, cuimhnich #ParlamaidnahAlba agus/no #ScottishParliament a chur ris agus ar n-ainmeachadh ann: @EducationSP.

Mar as àbhaist cuideachd, tha sinn a’ cur fàilte air beachdan anns a’ Ghàidhlig .

Chì sinn air Instagram sibh!

Alasdair

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s