Eachdraidh Pàrlamaid Mhanainn #gàidhlig #gaelg #mannin @tynwaldinfo


Sa bhloga mu dheireadh, thug sinn sùil air mar a tha pàrlamaid Mhanainn – an Tinbheal (Tynwald) – ag obair. An turas seo, bheir sin sùil air eachdraidh is traidiseanan an Tinbheil.  

Chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999 ach tha Tinbheal Mhanainn rud beag nas sine. Tha e fiù ’s nas sine na seann phàrlamaid na h-Alba a choinnich an tòiseach san 13mh linn. Tha an Tinbheal còrr is 1,000 bliadhna a dh’aois agus tha e air a bhith a’ coinneachadh gun bheàrn sam bith bhon uair sin agus mar sin, thathar ag ràdh gur e seo a’ Phàrlamaid as sine san t-saoghal.

Choinnich seann Phàrlamaid na h-Alba ann an diofar àiteachan mus deach dachaigh maireannach a thogail dhi ann an Dùn Èideann. ’S ann mar seo a bha Pàrlamaid Mhanainn cuideachd.

‘S e Doolish prìomh-bhaile Mhanainn an-diugh agus tha an Tinbheal suidhichte ann. San àm a dh’fhalbh, ge-tà, bha e stèidhichte ann an seann phrìomh-bhaile an eilean – Castletown, no sa Ghaelg – Balley Chashtal.

Bhiodh an Tinbheal a’ coinneachadh ann an Cashtal Rosien (Caisteal Rushen), dachaigh Rìghrean/Morairean Mhanainn.

Caisteal Rushen, Baile a' Chaisteil, Manainn

Caisteal Rushen, Baile a’ Chaisteil, Manainn

Às dèidh dachaidh no dha eile, ghluais an Ceithir is Fichead (House of Keys – seòmar reachdail an Tinbheil) a-staigh do a thogalach fhèin ann am Balley Chashtal ann an 1821. Seo togalach air a bheil an Seann Cheithir is Fichead a-nis. Tha seo a-nis fosgailte dhan t-sluagh agus tha fhathast mar a bha e nuair a bha e na thaigh-pàrlamaid san 19mh linn. Bithear fiù’s a’ cumail seiseanan mas-fhìor den Cheithir is Fichead leis a’ phobal a’ gabhail pàirt gus sealltainn cò ris a bhiodh e coltach a bhith nam MHK (Members of the House of Keys).

An Seann Cheithir is Fichead, Baile a' Chaisteil

An Seann Cheithir is Fichead, Baile a’ Chaisteil

Ghluais an Tinbheal dhan togalach anns a bheil i chun latha an-diugh ann an 1881.

Tha Balley Keeill Eoin (Baile Cill Eòin) no St Johns cuideachd cudromach don Tinbheal.

Achdadh an Tinbheil, Baile Cill Eòin, Manainn.

Gach bliadhna, air latha nàiseanta Eilean Mhanainn, Latha an Tinbheil coinnichidh Pàrlamaid Mhanainn air a’ bhlàr a-muigh ann am Balley Keeill Eoin. Mar as trice, ’s ann air 5 Iuchar a bhios seo. Aig coinneamh shònraichte den Phàrlamaid, thèid a h-uile lagh a chaidh tron Tinbheal anns a’ bhliadhna reachdais sin a leughadh a-mach an dà chuid sa Bheurla agus ann an Gàidhlig Mhanainn (Gaelg).

Tha e gu math iomchaidh, mar sin, gu bheil Bun-sgoil Gaelg an eilein – yn Bunscoill Ghaelgagh – ri taobh achadh an Tinbheil.

Bun-sgoil Ghàidhlig Mhanainn, Baile Cill Eòin

Tha Gàidhlig Mhanainn gu math cudromach don phàrlamaid agus chithear tòrr Gaelg ann an togalach na Pàrlamaid fhèin. Chithear tòrr Gàidhlig air soidhnichean air feadh an eilein.

Togalach Reachdail – dòras a’ phobail

Tha ceanglaichean làidir eadar an Tinbheal agus Gàidhealtachd na h-Alba. Suidhidh buill an Tinbheil uile air Cnoc an Tinbheil ann an Balley Keeill Eoin air latha an Tinbheal ach tha daonnan beagan shuidheachain bhàna ann. Carson? A chionn ‘s gun robh eileanan Gàidhealach na h-Alba uair ann an Reeriaght Vannin as ny h-Ellanyn (Rioghachd Mhanainn is nan Eileanan)! Tha bìrlinn Gàidhealach air bratach an Tinbheil cuideachd a tha gu math coltach ri suaicheantas Comhairle nan Eilean Siar.

800px-Kingdom_of_Mann_and_the_Isles-en.svg (1)

Rioghachd Mhanainn is Nan Eileanan (Bho Wikimedia Commons)

Flag_of_the_Tynwald_(Parliament_of_the_Isle_Of_Man)

Bratach an Tinbheil (Bho Wikimedia Commons)

Ged a tha eachdraidh gu math fada aig an Tinbheal, tha muinntir Mhanainn gu math moiteil gun robh iad air thoiseach air càch a thaobh còraichean-bhòtaidh san dà linn mu dheireadh. Chaidh a’ chòir-bhòtaidh a leudachadh gu mòr ann am Manainn ann an 1866 bliadhna mus deach còraichean-bhòtaidh a leudachadh tron Dàrna Achd Ath-leasachaidh ann Sasainn (1867) agus ann an achdan eile ann an an Alba is Èireann ann an 1868. Ann an 1881, fhuair cuid de na boireannaich còir-bhòtaidh agus tha an Tinbheal ga mheas fhèin mar a’ chiad reachdas nàiseanta san t-saoghal a thug còir bhòtaidh do bhoireannaich. Chaidh còir bhòtaidh a thoirt do na h-inbhich uile ann an 1919, deich bliadhna mus do thachair an aon rud san RA. Chaidh a’ chòir bhòtadh aig 16 a thoirt do mhuinntir Mhanainn ann an 2006.

Abair Pàrlamaid is abair eilean!

Alasdair

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s