Yn Tinvaal – Pàrlamaid Mhanainn #gaidhlig #gaelg #mannin       


Bha mi air turas gu Eilean Mhanainn bho chionn goirid. Cha robh mi ann le m’ obair ach chleachd mi an cothrom gus ionnsachadh mu dheidhinn pàrlamaid Mhanainn.

Tha sinn air coimhead air grunn phàrlamaidean is seanaidhean roimhe air a’ bhloga seo, a’ gabhail a-steach Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh, Seanadh Èirinn a Tuath agus Seanadh Lunnainn.

‘S e an Tynwald no an Tinbheal (Gàidhlig Mhanainn – GV: Yn Tinvaal) an t-ainm a th’ air pàrlamaid Mhanainn agus tha i suidhichte ann an Douglas (GV: Doolish), prìomh bhaile Eilean Mhanainn, ann an togalach air a bheil am far-ainm “a’ chèic-bainnse”. Tha e furasta fhaicinn cò às a thàinig an t-ainm bhon dealbh seo!

An Tinbheal, Doolish, Manainn

Tha suidheachadh bun-reachdail Mhanainn gu math eadar-dhealaichte ri suidheachadh bun-reachdail na h-Alba. Chan eil Manainn na pàirt den RA idir ach na Eisimeileachd a’ Chrùin (Crown Dependency).

Tha na h-eisimeileachdan crùin (Mannin, Deàrsaidh is Geàrnsaidh) nan dùthchannan fèin-riaghalach fòn chrùn. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil na pàrlamaidean is riaghaltasan aca fhèin, na siostaman fiosgail (fiscal) agus laghail aca fhèin agus na cùirtean lagha aca fhèin. Cha bhi Riaghaltas na RA a’ dèiligeadh ri ach gnothaichean cèin agus dìon às leth nan eileanan. Chan eil na na h-eisimeileachdan crùin air an riochdachadh ann am Pàrlamaid na RA.

Eisimileachdan a' Chrùin

Eisimileachdan a’ Chrùin (Bho WIkimedia Commons)

Chan eil ach aon seòmar aig Pàrlamaid na h-Alba ach tha dà sheòmar aig Pàrlamaid na RA – Taigh nan Cumantan is Taigh nam Morairean. Anns an Tinbheal, ge-tà, tha trì ann!

Tha dà mheur ann den Tinbheal – the House of Keys agus a’ Chomhairle Reachdail. ‘S e the House of Keys an seanadh reachdail. Tha 24 ball ann agus tha an t-ainm “the Keys” a’ tighinn às a’ Ghaelg (Gàidhlig Mhanainn) “Yn Kiare as Feed” (an Ceithir is Fichead). Tha seo air a thaghadh ann an taghaidhean coitcheann gach còig bliadhna tro shiostam first past the post agus faodaidh duine sam bith a tha 16 no nas sine bhòtadh.

Tha a’ mhòr-chuid de na Buill (na MHKs – Members of the House of Keys) nam buill neo-eisimileach an àite a bhith a’ riochdachadh pàrtaidhean poilitigeach.

Seòmar a' Cheithir is Fichead, Eilean Mhanainn

Seòmar a’ Cheithir is Fichead, Eilean Mhanainn

‘S e an dàrna meur den Phàrlamaid a’ Chomhairle Reachdail a bhios a’ sgrùdadh reachdas bhon Cheithir is Fichead. Tha 11 ball sa Chomhairle – ochdnar a tha air an taghadh leis a’ Cheithir is Fichead, Ceann Suidhne an Tinbheil (a tha air a t[h]aghadh  leis an Tinbheal), Easbaig Sodor is Mhanainn, agus an t-Àrd neach-tagraidh (Attorney General).

Seòmar na Comhairle Reachdail, Eilean Mhanainn Seòmar na Comhairle Reachdail, Eilean Mhanainn

Tha seòmar aig a’ Cheithir is Fichead agus seòmar aig a’ Chomhairle Laghail. ‘S e an treas seòmar Cùirt an Tinbheil far am bi an dà chuid an Ceithir is Fichead agus a’ Chomhairle Laghail a’ coinneachadh còmhla turas gach mìos.

Seòmar an Tinbheil, Eilean Mhanainn

Seòmar an Tinbheil, Eilean Mhanainn

Tha barrachd fiosrachaidh mun Tinbheal ri fhaighin air làrach-lìn an Tinbheil no air twitter @tynwaldinfo.

Anns an ath phos mun Tinbhealt, bheir sinn sùil air eachdraidh agus traidiseanan pàrlamaid Mhanainn, a’ gabhail a-steach a cheanglaichean ri Innse Gall agus mar a tha i a’ cleachdadh na Gàidhlig Manannaich.

Alasdair

alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk

One thought on “Yn Tinvaal – Pàrlamaid Mhanainn #gaidhlig #gaelg #mannin       

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s