Turas gu Eilean Mhanainn #gàidhlig #gaelg


Gach seachdain, bidh sinn a’ clàradh faidhle fuaim goirid air Soundcloud airson sreath air a bheil Facal Gàidhlig na Seachdain a tha a’ coimhead air facal no abairt Gàidhlig co-cheangailte ri Pàrlamaid na h-Alba le aithris goirid air a’ chuspair anns a’ Bheurla cuideachd.

SP-WoW-800x800px

Tha Facal Gàidhlig na Seachdain ag amas air luchd-ionnsachaidh is daoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig ach an t-seachdain seo, tha sinn air cuspair a thaghadh aig am bi ùidh aig tòrr dhaoine aig a bheil Gàidhlig mar-thà.

‘S e cuspair na seachdain seo Eilean Mhanainn. Bha mi air turas gu Eilean Mhanainn bho chionn goirid agus bha cothrom agam dhol dhan Tynwald (Gàidhlig Mhanainn: Tinvaal) – Pàrlamaid Mhanainn – agus gus coinneachadh ri luchd na Gaelg (Gàidhlig Mhanainn).

Yn Tinvaal, Pàrlamaid Mhanainn

Ma tha thu ag iarraidh rud beag ionnsachadh mu phàrlamaid Mhanainn agus mun Ghaelg, èist ri Facal Gàidhlig na Seachdain seo.

Chaidh a leughadh le sgrìobhadair, craoladair agus neach-teagaisg cliùiteach a’ chànain Brian Stowell.

An t-Oll Brian Stowell

Cùm sùil air a’ bhloga seo airson barrachd mu Eilean Mhanainn cuideachd.

Alasdair

One thought on “Turas gu Eilean Mhanainn #gàidhlig #gaelg

Tha na beachdan dùinte.