Srùbag Ghàidhlig! #gàidhlig @ScotFundCouncil


An t-seachdain sa chaidh, fhuair mi cuireadh a dhol gu madainn cofaidh aig prìomh oifis Comhairle Maoineachaidh na h-Alba ann am Margadh an Fheòir an seo ann an Dùn Èideann. Bha seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig no a tha ga h-ionnsachadh.

ceic

‘S e Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (Scottish Fundig Council – SFC) – a’ bhuidheann a sgaoileas airgead bho Riaghaltas na h-Alba do cholaistean is oilthighean na dùthcha. Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha plana Gàidhlig aig an SFC agus mar phàirt de seo, tha iad a’ brosnachadh mothachadh air a’ Ghàidhlig am measg an luchd-obrach.

Chaidh còrr is 30 luchd-obrach agus buill bùird aig a’ bhuidhinn don mhadainn cofaidh agus bha cothrom aca beagan Gàidhlig shìmplidh ionnsachadh is a chleachdadh le srùbag. Mar eisimpleir, dh’ionnsaich a h-uile duine dè a’ Ghàidhlig a bhiodh air an ainm aca agus bha mugannan ann le abairtean Gàidhlig sgrìobhte orra.

SFC1

Chaidh mi ann gus seirbheis Gàidhlig na Pàrlamaid a riochdachadh agus gus fios a sgaoileadh mun bhloga, sruth twitter agus mu na foillseachaidhean Gàidhlig againn.

sfc4

Chuir buidhnean Gàidhlig is buidhnean poblach eile fios is goireasan dhan latha.

Tha e daonnan math co-obrachadh le buidhnean poblach eile gus ionnsachadh bho na deagh bheachdan aca.

Alasdair