Dè tha an t-Aonadh Eòrpach a’ ciallachadh dhutsa? #gàidhlig


An robh thu riamh ag ionnsachadh no ag obair ann an dùthaich eile san Aonadh Eòrpach? An ann à dùthaich eile san AE a tha thu agus thu a-nis a’ fuireach ann an Alba?

An robh thu riamh ag obair aig tè de na buidhnean AE? An do ghabh thu pàirt ann am pròiseact no cùrsa a fhuair maoineachas bhon AE? A bheil poileasaidh AE air buaidh shusbainteach a thoirt air do bheatha?

Bratach na h-Eòrpa

Bu toil le Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh cluinntinn bhuat.

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air daoine a tha a’ fuireach ann an Alba tuairisgeulan goirid a chur a-steach ann an sgrìobhadh no air bhidio mun bhuaidh a tha no bha aig an AE air am beatha. Tha seo airson tuigsinn dè tha ballrachd san AE a’ ciallachadh do dhaoine a tha a’ fuireach ann an Alba. Tha sinn airson cunntasan fhaighinn bho dhaoine air na thachair dhaibh fhèin a tha ag innse dè a’ bhuaidh a th’ aig ballrachd san AE air Alba.

Ceangal don ghairm fianais:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/91225.aspx

Tha sinn a’ cur fàilte air fianais anns a’ Ghàidhlig.

Thèid na puist-d/bhideothan agaibh a chur suas air bloga ùr na Comataidh.

Alasdair