Seisean fianais mu Ghàidhlig ann am Bile an Foghlaim #gaidhlig


Bidh Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail fianais air na h-ullachaidhean ann am Bile an Foghlaim (Alba) a thaobh foghlam Gàidhlig aig coinneamh a thèid a chumail Dimàirt 16 Ògmhios.

Thèid cuid den fhianais a ghabhail tron Ghàidhlig.

Airson barrachd fiosrachaidh mun choinneimh, faic am bhideo Gàidhlig a rinn sinn – a’ chiad bhideo a tha sinn air dèanamh sa Ghàidhlig riamh!

Gus tiocaidean a chur air dòigh dhan choinneimh, cuir fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail no gus coimhead air a’ choinneimh beò no às dèidh làimh, cleachd Tbh na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk