Deasbad gu bhith ann mu 10 bliadhna de dh’Achd na #Gàidhlig


Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba air Dimàirt 9 Ògmhios a’ comharrachadh 10 bliadhna de dh’Achd na Gàidhlig.

Bidh seo a’ gabhail àite aig 5f.

Bidh seo na deasbad aig Gnothaichean Bhall (Members’ Business) air gluasad a chaidh a chur air adhart le Aonghas Dòmhnallach BPA. Seo an gluasad.

CGf_iw4WQAAlBAP

Dè th’ ann an Gnothaichean Bhall? ‘S e deasbad a th’ ann air gluasad a chaidh a moladh le BPA nach eil na mhinistear no rùnaire caibineit. Mar as trice, bidh cuspair an deasbaid co-cheangailte ri sgìre shònraichte, ri tachartas sònraichte no ri cuspair anns a bheil ùidh shònraichte aig a’ BhPA. Mairidh deasbad Gnothaichean Bhall suas ri 45 mionaid agus cha bhi bhòt ann air a’ ghluasad.

Ma tha thu airson an deasbad fhaicinn, gheibhear tiocaidean airson an deasbaid bho Sheirbheisean Luchd-tadhail no faodar coimhead air beò no às dèidh làimh air TBh Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair