Eolaiche air mion-chananan tusail Ameireagaidh a’ tadhal oirnn #gaidhlig


Tha e daonnan a’ còrdadh ruinn nuair a thig daoine aig a bheil mion-chànanan eile a chèilidh oirnn.

George Ann Gregory

Bho chionn goirid, bha cothrom agam coinneachadh ris an Dr George Ann Gregory  à New Mexico a tha na h-eòlaiche air ath-bheothachadh mion-chànain tùsanach Ameireaganach.

A bharrachd air a bhith ag obair le cànanan tùsanach nan Stàitean, tha i cuideachd air tìde a chur seachad an Sealan Nuadh ag obair air ath-bheothachadh na Maori.

Bha i airson ionnsachadh mu shuidheachadh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba agus fhuair mi fhèin cothrom barrachd ionnsachadh air suidheachadh na Navajo agus chànanan Oklahoma.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk