@ParlAlba gu bhith a’ gabhail pàirt ann an Latha Twitter na #Gàidhlig 30/4/15


Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt ann an Latha Twitter na Gàidhlig Diardaoin 30 Giblean.  

Bidh Hayley agus sgioba an fhoghlaim air fad a' tweeteadh sa Ghaidhlig

Bidh Hayley agus sgioba an fhoghlaim air fad a’ tweeteadh sa Ghaidhlig

’S e amas an latha a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta. Bithear a’ tweeteadh an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus mun Ghàidhlig.

Seo an dàrna latha Twitter Gàidhlig agus abair gun robh a’ chiad latha soirbheachail an-uiridh leis na mìltean de tweets ann bho na ceudan de dhaoine is de bhuidhnean.

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt anns an latha le tweets sa Ghàidhlig an dà chuid bhon chunntas Ghàidhlig againn @ParlAlba ach cuideachd bhon phrìomh chunntas Beurla againn @ScotParl.

latha-gaidhlig-2015

Tha 14 de na comataidhean againn air Twitter agus bidh iad uile a’ gabhail pàirt san latha, a’ coimhead air cuspairean bho stèiseanan rèile gu Bile Cànan Soidhnidh Bhreatainn gu ath-leasachadh nan seirbheisean smàlaidh.

Bidh an sruth twitter foghlaim @EducationSP a’ tweeteadh sa Ghàidhlig cuideachd.

Twitter Gaelic Language Day

Tha Latha Twitter na Gàidhlig na dheagh chothrom do chuid Ghàidhlig a chleachdadh còmhla ruinn ach cuimhnich gum faod thu Gàidhlig a chleachdadh leis a’ Phàrlamaid uair sam bith agus gu bheil sinn daonnan a’ cur fàilte air conaltradh sa Ghàidhlig!

Ma tha thu eòlach air duine sam bith aig nach eil Gàidhlig ach aig am biodh ùidh san Latha Gàidhlig, tha LearnGaelic air tweet cheat sheet a dheanamh.

Tha Gaelic Word of the Week againn air Soundcloud cuideachd airson luchd-ionnsachaidh.

Tha sinn an dòchas gun cleachd thu do chuid Gàidhig air latha twitter na Gàidhlig. Cleachd an taga #gaidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk