Co-latha-breith sona Achd na Gàidhlig! #gaidhlig


Chaidh pìos reachdais cudromach aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba air an t-seachdain seo bho chionn 10 bliadhna. B’ e seo Bile na Gàidhlig (Alba) 2005, ris an do ghabh a’ Phàrlamaid gu h-aona-ghuthach air 21 Giblean 2015.

Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 Aonta Rìoghail air 1 Ògmhios 2005 agus chaidh a chur an gnìomh sa Ghearran 2006.

Stèidhich an achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidheann phoblach leis an dleastanas inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba le co-ionnanachd spèis leis a’ Bheurla.

Am measg nan dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig, tha cruthachadh plana nàiseanta Gàidhlig agus a bhith ag iarraidh air buidhnean poblach tiomnaichte planaichean Gàidhlig a chruthachadh.

Chaidh am plana Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba a sgrìobhadh fon Achd seo.

Tha deagh chuimhne agam fhèin air 21 Giblean 2005 oir bha mi an làthair aig an deasbad anns a’ ghailearaidh phoblach. Mur a robh thu fhèin ann, ge-tà, tha cothrom agad an deasbad a leughadh anns an Aithisg Oifigeil agus gus na h-aithisgean is deasbadan uile mun achd a leughadh air an làrach-lìn.

Agus seo teacs na h-achd fhèin.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk