Beachdan gan sireadh air foghlam Gàidhlig #Gàidhlig


A bheil ùidh agad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig? A bheil ùidh agad ann am foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh san sgoil?

Tha foghlam Gàidhlig air aon de na cuspairean ann am bile ùr an fhoghlaim: Bile Foghlam (Alba) 2015 air a bheil Comataidh Foghlam is Cultar na Pàrlamaid a’ beachdachadh aig an àm seo.

fàilte

Tha a’ chomataidh air gairm fianais fhoillseachadh, a tha tha ri faighinn sa Ghàidhlig.

Tha tòrr diofar chuspairean sa bhile. A rèir meòrachan poileasaidh an Riaghaltais, ’s e amas a’ bhile “co-ionnanachd buileachaidh (attainment) a bhrosnachadh airson clan a tha fo ana-chothrom agus gus ceumannan a ghabhail gus a’ bheàrn ann am buileachadh a lùghdachadh”

Tha thaobh na Gàidhlig, is e amas a’ bhile:

Dleastanas a chur air ùghdarrasan foghlam an dà chuid a bhith a’ measadh a bheil feum air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile às dèidh iarrtas fhaighinn bho phàrantan agus a bhith a’ brosnachadh is a’ cumail taic gu gnìomhach ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh; cuiridh am bile cuideachd dleastanas air Bòrd na Gàidhlig stiùireadh a dhèanamh air mar bu chòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig obrachadh ann an Alba.

(Place a duty on education authorities both to assess the need for Gaelic medium primary education following a parental request and to actively promote and support Gaelic medium education (GME) and Gaelic learner education; the Bill will also place a duty on Bòrd na Gàidhlig to prepare guidance on how GME should operate in Scotland.)

Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh no ma tha thu airson do bheachdan a chur dhan chomataidh mun bhile, faic an gairm fianais. Thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Faodaidh tu a’ chomataidh a leantainn air twitter @SP_EduCul.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk