Pàrlamaid na h-Alba air duais ruigsinneachd fhaighinn airson uathachas #gàidhlig


Fhuair Pàrlamaid na h-Alba duais ruigsinneachd airson uathachas (autism) bho chionn goirid. 

‘S e togalach Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad togalach ann an Alba a a tha air an duais seo fhaighinn agus chaidh an inbhe seo a thoirt dhan togalach mar thoradh air grunn leasachaidhean a rinneadh airson’s gum biodh an togalach nas fhreagarraiche do daoine le uathachas.

CBkjx6RWMAAG__O

Ghabh an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fior Urr Tricia Marwick BPA, an duais às leth na Pàrlamaid bho Jenny Paterson, Stiùiriche Albannach Comann Nàiseanta an Uathachais.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk