Boireannaich òga brosnachail! #gàidhlig


Sa bhlog seo, tha Hayley Cole, Oifigear Dol-an-sàs na h-Òigridh ag aithris air co-labhairt nam boireannach òga sa Mhàirt.

Bu latha e Diluain 23 Màrt san robh a h-uile rud mar a’ chiad rud a-riamh dhòmhsa ann am Pàrlamaid na h-Alba – mo chiad tachartas mòr mar Oifigear Dol-an-Sàs na h-Òigridh, a’ chiad uair riamh a chunnaic mi am prìomh thrannsa fo sholas purpaidh… agus a’ chiad uair a chuala mi Rihanna, Royal Blood is Ed Sheeran a’ spreadhadh a-mach às na glaodhairean!

Bha an tachartas Boireannaich Òga Brosnachail air tòiseachadh le sùrd. Agus 128 boireannach òga a-nist a’ teachd ann, bha Taigh an Ròid air bhioran. Bha luchd-obrach bho thar na Pàrlamaid air a bhith ag obair cuide ris na boireannaich òga ron tachartas agus chuir iad fàilte air gach buidheann-sgoile a thàinig tro na dorsan (32 dhiubh gu h-iomlan, oir chuir aon sgoil o gach ùghdarras ionadail 4 bhan-sgoilearan ann gus a’ chùis a fhrithealadh).

Thug a h-uile duine tarraing air an àrainneachd àraid annasach, a lean air adhart air feadh an latha… Cha b’ urrainn dhomh innse cia mheud duine a chuir stad orm is iad ag ràdh, “Nach mìorbhaileach seo?!”

Bhon fhàilte a chuir an t-Oifigear Riaghlaidh oirnn, an bhideo san robh a’ Phrìomh Mhinistear, na bùthan-obrach a rannsaich na bacaidhean a bhios ro bhoireannaich òga – leithid gnèithealachd is ìomhaigh na bodhaige – agus an t-seisean onoireach fosgailte ceistean is freagairtean san t-seòmar-deasbaid cuide ri prìomh bhan-luchd-poilitigs, bha an latha loma-làn spionnaidh is dealais. Bha e iongantach a bhith ann an teis-meadhain a h-uile rud, agus dh’aontaich na BPAan is na Boireannaich Òga Brosnachail uile, a chuir ris an latha – cha b’ e dìreach na boireannaich òga a dh’fhàg an t-àite ‘s iad air am brosnachadh.

Faodar tuilleadh fhaotainn a-mach mun tachartas Boireannaich Òga Brosnachail air duilleag ar làrach-lìn, ‘s an lùib sin geàrr-chunntas bhideo air an latha agus ceangal ri gailearaidh nan dealbhan-camara: www.scottish.parliament.uk/inspiring-women.

Hayley Cole

Hayley.cole@scottish.parliament.uk

Air eadar-theangachadh bhon Bheurla