Latha gu math ioma-chànananch sa Phàrlamaid an-dè! #gaidhlig #bsl @SP_EduCul


Bha latha gu math ioma-chànanach aig Comataidh Foghlam is Cultar na Pàrlamaid an-dè agus iad a’ gabhail fianais air Bile Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL).

Rob Dunbar

Ghabh a’ chomataidh fianais bho eòlaichean agus luchd-cleachdaidh BSL air a’ bhile agus ghabh iad fianais anns a’ Ghàidhlig cuideachd bhon Phroifeasair Rob Dunbar aig Roinn na Ceiltis is Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Eideann mu reachdas cànan is air a’ bhuaidh a tha reachdas air thoirt air cor is cleachdadh na Gàidhlig.

Chaidh an dà chuid Gàidhlig agus BSL a chleachdadh aig a’ choinneimh agus bha eadar-theangachadh a’ dol eadar Gàidhlig is BSL fhad’s a bha an t-Oll Dunbar a’ bruidhinn!

Tha bhideo na coinneimh ri fhaicinn air sianal YouTube na Pàrlamaid a-nis.

Airson barrachd fios mun bhile, faic ar duilleag mu Bhile Cànan Soidhnidh Bhreatainn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

One thought on “Latha gu math ioma-chànananch sa Phàrlamaid an-dè! #gaidhlig #bsl @SP_EduCul

Tha na beachdan dùinte.