Burns agus Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig


Tha Raibeart Burns cudromach do Phàrlamaid na h-Alba.

Chaidh òran Burns, A Man’s A Man for ‘a That, a ghabhail le Sheena Wellington aig an fhosgladh oifigeil den Phàrlamaid ann an 1999.

Na bu thràithe an t-seachdain seo, chùm an t-Oifigear Riaghlaidh an t-suipeir burns bhliadhnail ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Agus tha earrann bhon dàn aige To a Louse air a ghràbhaladh ann am Balla a’ Chanongate.

O wad some Pow’r the giftie gie us
To see oursels as others see us!
It wad frae monie a blunder free us
An’ foolish notion.

Cluinnidh tu barrachd mun earrann seo anns a’ phodcast foghlaim againn sa Ghàidhlig a tha a’ coimhead barrachd air Burns.

Tha obair ealain co-cheangailte ri Burns ann am Pàrlamaid na h-Alba cuideachd – Robert Burns Match Heads le David Mach.

Ann an Gaelic Word of the Week an t-seachdain seo, tha sinn cuideachd a’ coimhead air Oidhche Burns agus  buntàta, sneap agus taigeis againn mar fhaclan na seachdain.

Tha Burns ainmeil airson a bhith a’ sgrìobhadh ann an Scots. An robh fhios agad, ge-tà, gun deach an obair air fad aige eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig leis an Urr. Ruairidh Dòmhnallach BPA, athair Lewis MacDhòmhnaill BPA.

Alasdair