Latha na Ruigsinneachd ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig @access_day


Bidh sinn a’ gabhail pàirt ann an Làtha na Ruigsinneachd airson daoine air a bheil Ciorram air Disathairne 17 Faoilleach.

‘S e iomairt ùr a tha seo agus ’s e amas an latha a bhith a’ brosnachadh dhaoine air a bheil ciorram a bhith a’ dol gu àite ùr air an latha sin.

10834967_714340911997671_7580145464501491014_o

Nach eil sibh air a bhith anns a’ Phàrlamaid roimhe? Thig an seo agus faic na tha a’ dol – a’ gabhail a-steach tursan saor is an-asgaidh, cafe, bùth is taisbeanadh.

Faigh a-mach mu ruigsinneachd ann am Pàrlamaid na h-Alba aig www.scottish.parliament.uk/accessibility no leugh barrachd mu Latha na Ruigsinneachd aig: www.disabledaccessday.com.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk