Na Còig Nàiseanan ann am Beul Feirste #gàidhlig @niassembly


Chaidh an 15mh co-labhairt aig Lìonra nan Còig Nàiseanan (FNN) a chumail ann am Beul Feirste air a’ mhìos sa chaidh. Bidh co-labhairt an FNN ga cumail a h-uile bliadhna, agus tha e a’ toirt cothrom do luchd-dreuchd bho air feadh na RA agus na h-Èireann, a tha an sàs ann a bhith dealbh agus a’ cur phoileasaidhean an gnìomh airson foghlam mu shaoranachd, gus tighinn còmhla. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhaibh deagh chleachdaidhean obrach a roinn le chèile agus ro-innleachdan a dhealbh ann an com-pàirt ri luchd-dreuchd eile bho na còig nàiseanan.

Seanadh Eireann a Tuath, Dún Dómhnaill, Co an Dùin.

Toglaichean na Pàrlamaid, Stormont, Beál Feirste.

B’ e cuspair na bliadhna sa, “Saoranachd is dearbh-aithne: neo-ionannachd aig ìre shòisealta agus eaconamach, dearbh-aithne phoilitigeach agus a’ gabhail com-pàirt”. Thàinig luchd-dreuchd còmhla – leithid tidsearan, stiùirichean foghlaim, luchd-teòiridh foghlaim agus luchd-obrach bho Phàrlamaid na  h-Alba, Seanadh Èireann a Tuath, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh agus Dáil Éireann – airson dà latha trang le seiminearan, bùithtean-obrach agus gus eòlas a chur air càch a chèile.

B’ e aon de na rudan bu mhotha a chòrd ri daoine, nuair a fhuair iad cothrom tadhal air an togalach spaideil sam bi Seanadh Èireann a Tuath a’ coinneachadh ann an Stormont ann am Beul Feirste. Thug aon de na prìomh luchd-labhairt bhon cho-labhairt, an t-Ollamh Pete Shirlow bho Oilthigh na Banrigh ann am Beul Feirste, seachad an òraid aige ann an sin, òraid inntinneach agus dhrùidhteach mu shaoranachd agus cùisean co-cheangailte ri dearbh-aithne ann an Èirinn a Tuath bho àm nan ‘Trioblaidean’ agus bho thòisichear air feuchainn ri sìth a thoirt gu buil ann an 1997.

stormont

Thuirt Paul Anderson, Manaidsear Ruigsinn Coimhearsnachd aig Pàrlamaid na h-Alba a bha an làthair aig an tachartas agus e a’ riochdachadh Pàrlamaid na h-Alba: “Tha barrachd is barrachd thaobhan is cuspairean sònraichte a’ sìor nochdadh a-nis an lùib foghlam mu shaoranachd. Bha cothrom mìorbhaileach againn aig a’ cho-labhairt gus coinneachadh ri luchd-dreuchd eile bho air feadh nan còig nàiseanan san RA is Èirinn – na prìomh dhaoine a tha dealbh phoileasaidhean innleachdach airson foghlam mu shaoranachd – agus cothrom faighinn a-mach dè tha a’ tachairt ann an àiteachan eile. Chan e a-mhàin gun d’ fhuair sinn cothrom fiosrachadh air deagh dhòighean-obrach a thoirt do chàch a chèile, ach cuideachd bha cothrom aig daoine beachdan chàich a chluinntinn mu iomairtean a bha iad an dùil a chur air chois san àm ri thighinn. B’ e aon de na rudan as inntinniche a thàinig am follais thairis air an dà latha, mar a bha iomradh a-rithist agus a-rithist air cuspairean agus dùbhlain a bha coitcheann dhuinn uile, a dh’aindeoin mar a bha diofar dhùthchannan an sàs sa cho-labhairt. Am measg nan cuspairean sin bha: feum air taic phoilitigeach airson foghlam mu shaoranachd – aig ìre ionadail, sgìreil agus nàiseanta; gu bheil e deatamach gum bi tidsearan taiceil do dh’fhoghlam mu shaoranachd; agus gum feum sinn daonnan a bhith a’ smaoineachadh ann an dòighean innleachdach is cruthachail a thaobh nam modhan sam bi sinn a’ toirt seachad foghlam mu shaoranachd.

Paul Anderson

paul.anderson@scottish.parliament.uk

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)