Bile Cànan Soidhnidh Bhreatainn  – Dè do bheachd? #gàidhlig #BSL @SP_EduCul


Tha Comataidh Foghlam is Cultar na Pàrlamaid a’ sireadh bheachdan air Bile Cànan Soidhnidh Bhreatainn (Alba) (BSL) aig an àm seo.

BSLuserFP

‘S e amas a’ Bhile Buill (Member’s Bill) seo cleachdadh BSL a bhrosnachadh.

Chaidh am bile a thoirt a-staigh le Marc Griffin BPA leis an amas a bhith a’ cur ìomhaigh a’ chànain am follais barrachd agus a bhith a’ brosnachadh chleachdadh BSL ann an seirbheisean poblach. Bheireadh am Bile air Ministearan na h-Alba agus air cuid de na buidhnean poblach  planaichean BSL ullachadh agus fhoillseachadh.

Dh’fhaodte gum bi ùidh shònraichte aig luchd na Gàidhlig anns an reachdas seo mar luchd-labhairt mion-chànan eile agus às dèidh reachdas cànain a bhith ann airson na Gàidhlig.

Tha gairm fianais ri fhaighinn ann am BSL no Beurla (Gàidhlig ri tighinn). Mar as àbhaist, thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig – agus ann am BSL.

Tha a’ chomataidh air buidheann Facebook a chur air dòigh cuideachd far an urrainn dhut do bheachdan a chur air adhart. Faodaidh tu a’ chomataidh agus adhartas a’ bhile a leantainn air twitter cuideachd @SP_EduCul.

Feumaidh beachdan a bhith a-staigh ro 2 Gearran 2015.

Bheir sinn sùil air Bilean Buill ann am barrachd doimhneachd air a’ bhloga seo a-rithist, a’ coimhead air a’ Bhile BSL mar eisimpleir.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk