Cuairt Dheireannach Deasbad Sgoiltean BT Alba a-nochd #gàidhlig


Thèid cuairt dheireannach Deasbad Sgoiltean BT, a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba, is a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal bho Phàrlamaid na h-Alba bho 7f a-nochd. Tha an deasbad a-nis air a bhith a’ gabhail àite fad 16 bliadhna.

Thuirt leas-Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, John Scott BPA:

 Thathar ag ràdh gur e Pàrlamaid na h-Alba dachaidh nan deasbadan beòthail agus tha mi an dòchas gun toir seo brosnachadh do na daoine ann an cuairt dheireannach an deasbaid a-nochd.

Tha deasbad na h-òigridh aig fìor àrd-ìre agus tha e airidh air deagh èisteachd bhon t-sluagh. Tha mi cinnteach gum bi a’ chuairt dheireannach sgoinneil am bliadhna agus mholainn gun èist am poball.

Ghabh 22 sgiobannan, a’ riochdachadh 17 sgoiltean air feadh na h-Alba anns na h-ìrean tòiseachail den deasbad anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh.

‘S iad na daoine anns a’ chuairt dheireannach: Megan Dale is Ella Scarr aig Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus Calum MacNeacail is Màiri NicIllinneil aig Àrd-sgoil MhicNeacail. ‘S e cuspair an deasbaid a-nochd “Chan eil mòran aig na Gàidheil ri ionnsachadh bho chàch mu na meadhanan”.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic làrach an Deasbaid aig www.deasbadbtalba.com

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk