Blasad Gàidhlig #gàidhlig


[blasat gaalik]

Mar phàirt de Latha Gàidhlig na Pàrlamaid tha sinn air ath-chlò-bhualadh (reprint) a dhèanamh dhen leabhran ‘Blasad Gàidhlig’ againn. Bha fèill mhòr orra an turas mu dheireadh agus mar thoradh air sin shaoil sinn gum biodh e math tionndadh eile a chur air dòigh.

(Faodaidh tu gliogadh air na dealbhan gus na faclan a chluinntinn).

Blasad Gàidhlig

Anns an leabhran bheag gheibhear abairtean bunasach mar ‘Madainn mhath’ agus ‘Ciamar a tha sibh?’ le beagan stiùireadh air am fuaimneachadh eadar ‘camagan ceàrnagach’ mar seo [kam-ak-un cyaarn-ak-uch].

feasgar mathoidhche mhath

A bharrachd air a’ bhriathrachas àbhaisteach tha faclan ann a bhuineas ri obair na Pàrlamaid, leithid ‘Pàrlamaid na h-Alba’ agus ‘Taigh an Ròid’.

Pàrlamaid na h-AlbaTaigh an Ròid

Ma bhios tu ag iarraidh tionndadh ann an clò leig fios dhuinn aig: gaidhlig@scottish.parliament.uk

Oifigear Gàidhlig

fios dhuinn