Prìomh Mhinistear ùr gu bhith air a thaghadh an-diugh #gàidhlig


Seòmar Pàrlamaid na h-Alba

Seòmar Pàrlamaid na h-Alba

Tòisichidh taghadh a’ Phrìomh Mhinisear san t-Seòmar aig 14.40 an-diugh. Tha riaghailtean an taghaidh caran toinnte ach tha mìneachadh again (sa Ghàidhlig) san fhios naidheachd againn.

Tha e coltach gun tèid Nicola Sturgeon BPA a thaghadh mar an còigeamh Prìomh Mhinistear na h-Alba.

Lean an cunntas twitter againn @ParlAlba airson barrachd fiosrachaidh tron latha. Agus faodar coimhead air an taghadh air TBh na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk