Seminear mu leasachadh na Gàidhlig is ainmean-àite #gàidhlig @ainmaite


A bheil thu an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig? Tha sinn gu bhith a’ cumail seiminear a’ coimhead air cleachdadh ainmean-àite agus abairtean Gàidhlig bunaiteach san àite-obrach.

Thèid an seiminear a chumail ann an Seòmar Comataidh 2, Pàrlamaid na h-Alba, Diardaoin 27 Samhain mu chleachdadh ainmean Gàidhlig, gu sònraichte le buidhnean poblach. Bidh buidhnean-obrach prataigeach ann air an fheasgair mu bhith a’ cleachdadh ainmean is abairtean Gàidhlig san àite-obrach.

Anns a’ mhadainn bidh trì òraidean goirid (c30 mionaid) ann, air an leantainn le ceistean (10:30-13:00) le Peadar Morgan (Bòrd na Gàidhlig), Curstaidh NicDhòmhnaill (Alba Aosmhor) agus Eilidh Sgaimeal (Ainmean-àite na h-Alba).

Bidh lòn ann 13:00-13:30.

Air an fheasgair, (13:30-15:30) bidh trì buidhnean-obrach ann a bhios a’ coimhead air diofar dhòighean gus Gàidhlig a chleachdadh san àite obrach’ a’ gabhail a-steach abairtean bunaiteach, goireasan is iomairtean air-loidhne cho math ri cleachdadh beagan Gàidhlig ann an litrichean, post-d, cairtean gnìomhachais, straplines, teachdaireachdan dà-chànanach, soidhnichean 7c. Bidh na seiseanan feumail an dà chuid airson daoine a tha ag ionnsachadh agus airson daoine a tha fileanta.

Tha an tachartas seo saor is an-asgaidh ach tha an àireamh de dh’àiteachan cuibhrichte agus mar sin, nach leig thu fios cho luath sa ghabhas ma tha ùidh agad sa chùis.

Ma tha thu airson tighinn, cuir fios thugainn ro 24 Samhain.

Alasdair is Marc

gaidhlig@scottish.parliament.uk