Seiseananan mu athchuingean ann an Dun Phris is Gall-Ghaidhealaibh #gàidhlig @sp_petition


Ma tha ùidh agad ann an obair na Pàrlamaid tha àiteachan fhathast rim faighinn airson bùithtean-obrach air Athchuingean Poblach (Public Petitions) anns an t-Sròn Reamhar air 17 Samhain & Dùn Phris air 21 Samhain.

Ionnsaich mar as urrainn dhut athchuinge a chur a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba aig bùth-obrach le Leas-chathraiche na Comataidh, Chic Brodie BPA.

Bidh e san t-Sròn Reamhar Diluain 17 Samhain ann an Taigh Burns eadar 2 agus 4f. Dihaoine 21 Samhain, cumaidh e bùth-obrach eile ann an Ionad Coimhearsnachd Georgetown, Dùn Phris eadar 1f agus 3f.

Airson barrachd fiosrachaidh no gus àite a chur air dòigh, cuir fios gu Paul Anderson air 0131 348 5357, paul.anderson@scottish.parliament.uk

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk