Tha Lisa na GIFT dhan Phàrlamaid! #gàidhlig


‘S mise Lisa agus bidh mi ag obair anns a’  Phàrlamaid, gach Dihaoine, gus An Gearran.  Bidh mi ag obair còmhla ris na h-oifigear Gàidhlig agus bidh mi a cuideachadh Alasdair agus Marc leis an obair aca, air a’ char as lugha – sin am plana!

1453290_10203834625522847_6309937189162242626_n

‘S e tidsear bun-sgoil a th’annam, agus an-dràsta, tha mi a’ dèanamh cùrsa GIFT.  Tha an acranaim GIFT a’ ciallachadh Gaelic Immersion for Teachers agus tha e na chùrsa airson tidsearan teisteanaichte a bu toil a bhith ag obair ann an Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Tha e naoinear tidsearan air a cùrsa an-dràsta.  Airson a’ chùrsa feumaidh mi 70 uairean greis-gnìomhachais a dhèanamh anns a’ choimhearsnachd, agus sin as adhbhar gu bheil mi seo!

Thoisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig sia bliadhna air ais le sùil ri bhith nam thidsear Gàidhlig.  Nuair a thàinig an cothrom suas a’ dol air a’ chùrsa GIFT, bha mi cho toilichte a chionn ‘s gun toireadh e cothrom dhomh a bhith airson a bhith ag obair air mo chuid Gàidhlig fad an latha, gach latha.

Aig an àm seo, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi mi a fàs nas fheàrr leis an tuigsinn agam air a’ Ghàidhlig agus a faighinn barrachd misneachd nuair a bhios mi a’ bruidhinn.  Tha mi an dòchas gun lean mi orm fàs nas fheàrr mus tòisichidh mi a bhith ag obair leis na sgoilearan anns an sgoil.

Lisa Doig

gaidhlig@scottish.parliament.uk