Seanadh Lunnainn #gaidhlig @LondonAssembly


Anns a’ bhloga seo, tha sinn air sùil a thoirt air Seanadh Èireann a Tuath agus Seanadh na Cuimrigh. Anns a’ phost seo, bidh sinn a’ toirt sùil air an t-seanadh thiomnaichte eile san RA – seanadh air nach eil an uiread de dhaoine ann an Alba eòlach – Seanadh Lunnainn.

City Hall, dachaigh Sheanadh Lunnainn

Seanadh Lunnainn, City Hall

Nuair a bha mi air saor-làithean bho chionn goirid, bha cothrom agam tadhal air Seanadh Lunnainn is rud beag ionnsachadh mu dheidhinn.

Coltach ris na seanaidhean/pàrlamaidean tiomnaichte eile, chaidh Seanadh Lunnainn a stèidheachadh às dèidh reifreinn. Chaidh faighneachd de mhuinntir Lunnainn ann an 1998 an robh iad ag aontachadh gum bu chòir Ùghdarras Mòr-roinn Lunnainn (Greater London Authority) a stèidheachadh anns am biodh Mèar agus Seanadh, an dà chuid air an taghadh leis a’ phoball.

Bhòt muinntir Lunnainn gum bu chòir agus às dèidh reachdas ann an 1999, chaidh a’ chiad Mhèar a thaghadh is chaidh a’ chiad taghadh dhan t-Seanadh a chumail ann an 2000.

Tha 33 sgìrean-comhairle ann an Lunnainn agus chaidh Ùghdarras Mòr-roinn Lunnainn a stèidheachadh airson ceannas ro-innleachdail a dhèanamh air feadh a’ bhaile air cùisean mar phlanadh ro-innleachdail. obair a’ phoilis, seirbheisean smàlaidh, còmhdhail agus leasachadh eaconomach.

Comhairlean sgìreal Lunnainn

Tha 25 buill ann an Seanadh Lunnainn, 11 a tha a’ riochdachadh Mòr-roinn Lunnainn air fad (mar bhuill roinneil ann am Pàrlamaid na h-Alba) agus 14 a tha a’ riochdachadh sgìrean (mar bhuill sgìreil ann am Pàrlamaid na h-Alba). Bidh iad a’ cleachdadh siostam bhòtaidh Ball a Bharrachd (Additional Member System – AMS) – an aon siostam PR sa th’ aig Pàrlamaid na h-Alba. Thèid taghaidhean a chumail gach 4 bliadhna.

Seòmar an t-Seanaidh, Seanadh Lunnainn

Seòmar an t-Seanaidh

‘S e an obair aig Seanadh Lunnainn a bhith a’ cumail Mèar a’ bhaile cunntachail agus a bhith a’ sgrùdadh cùisean a tha cudromach do mhuinntir Lunnainn. Mar phàirt de seo, tha diofar chomataidhean aig an t-seanadh a nì rannsachaidhean.

Eu-choltach ris na pàrlamaidean/seanaidhean tiomnaichte eile, chan eil comas aig Seanadh Lunnainn reachdas a dhèanamh.

Raon-ùghdarrais Seanadh Lunnainn

Raon-ùghdarrais Seanadh Lunnainn (bhon bhileig Guide to CIty Hall)

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba is seanaidhean na Cuimrigh is Èireann a Tuath, tha togalach Seanadh Lunnainn, City Hall, suidhichte ann an àite fìor bhrèagha. Tha City Hall ri taobh Tower Bridge agus an Shard agus mu choinneimh Tùr Lunnainn. Tha an togalach fosgailte do luchd-tadhail agus faodaidh tu an seòmar fhaicinn. Tha mapa air leth mòr den bhaile air ùrlar an togalaich cuideachd.

Mapa mòr de Lunnainn air làr an togalaich

Agus coltach ri Pàrlamaid na h-Alba is Seanadh na Cuimrigh, tha togalach an t-Seanaidh gu math uaine. Bidh iad a’ cleachdadh uisge fon talamh airson an togalach a chumail fionnar agus ‘uisge liath’ airson nan toileatan mar eisimpleir agus tha cruth an togalaich a’ ciallachadh nach eil aca ri cus a chosg air teasachadh.

Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mun t-Seanadh, faic a’ bhileag ùr aca: Guide to City Hall no lean iad air Facebook no air Twitter aig @LondonAssembly.

Guide to City Hall

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

One thought on “Seanadh Lunnainn #gaidhlig @LondonAssembly

Tha na beachdan dùinte.