Barrachd cumhachdan ionmhasail do Phàrlamaid na h-Alba – dè do bheachd? #Gàidhlig


Tha Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh nan roghainnean a th’ ann gus tuilleadh chumhachdan ionmhasail a thiomnadh (devolve) do dh’Alba ann an rannsachadh ùr.

coinsFP

A’ leantainn air bhon reifreann, agus bho mar a chaidh Coimisean Mhic a’ Ghobhainn a chur air bhonn, bidh rannsachadh na Comataidh a’ toirt sùil air na prionnsapalan a bu chòir a bhith ann nuair a thathar a’ tiomnadh tuilleadh chumhachdan ionmhasail agus air dè na cumhachdan a bu chòir bhith ann. Cuideachd, beachdaichidh an rannsachadh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig cumhachdan ionmhasail a bharrachd air a’ mheall-thabhartas (block grant).

Rè ùine an rannsachaidh, bidh a’ Chomataidh a’ gabhail fianais bho dhiofar dhaoine agus bidh i ag iarraidh air daoine na beachdan aca a chur a-steach a thaobh nan roghainnean a th’ ann airson cumhachdan ionmhasail a thiomnadh do dh’Alba.

“A’ leantainn air bhon reifreann, tha deasbad ann a-nis air mar a thèid tuilleadh chumhachdan a thiomnadh do dh’Alba. Tha Coimisean Mhic a’ Ghobhainn a’ beachdachadh an-dràsta air dè na cumhachdan a bharrachd a bu chòir a thiomnadh do dh’Alba agus am measg na prìomh fheadhainn bidh cumhachdan ionmhasail. Tha e ceart gun cuir sinne ris an deasbad a tha sin.

“Bidh ar rannsachadh a’ coimhead air dè na cumhachdan a bu chòir a bhith air an tiomnadh agus dè a’ bhuaidh a bheireadh iad air a’ mhaoineachadh a gheibh Alba. Tha sinn airson taghadh farsaing de bheachdan a chluinntinn a thaobh na bhiodh seo a’ ciallachadh do dh’Alba.”

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air grunn cheistean, nam measg tha:

  • Dè na prionnsapalan a bu chòir a chur an sàs nuair a thathar a’ tiomnadh tuilleadh chumhachdan ionmhasail do Phàrlamaid na h-Alba?
  • Dè na cumhachdan ionmhasail a bharrachd a bu chòir a bhith air an tiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba agus carson?
  • Dè na cumhachdan ionmhasail a bharrachd nach bu chòir a bhith air an tiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba agus carson?
  • Gu dè an ìre a dh’fhaodadh Riaghaltas na h-Alba a bhith air an cuingealachadh a thaobh mar a chleachdas iad na cumhachdan ùra airson cìsean ri linn mar a bhios na cumhachdan sin co-cheangailte ri co-dhùnaidhean ionmhais airson na RA?
  • Dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig tuilleadh chumhachdan ionmhasail air a’ mheall-thabhartas*?
  • Dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig cumhachdan ionmhasail a bharrachd air na dleastanasan a bhios aig Teachd-a-steach na h-Alba?

‘S e an ceann-latha airson freagairtean Dihaoine 14 Samhain 2014. Bu chòir a h-uile freagairt a chur ann am post-d gu: finance@scottish.parliament.uk.

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29822.asp

Tha fàilte ro fianais sa Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk