Pàrlamaid na h-Alba aig Fèis Ionnsachaidh na h-Alba #gaidhlig #slf2014


Chaidh sgioba Foghlaim na Pàrlamaid dhan SECC ann an Glaschu Diciadain airson Fèis Ionnsachaidh na h-Alba (Scottish Learning Festival). Bha latha soirbheachail againn uile is chaidh sinn gu seiminearan eadar-dhealaichte air foghlam co-aoisean (peer education), a’ teagasg feallsanachd agus RME, Pàrlamaid na Cloinne, sgilean ann an eòlas sòisealta agus ceòl.

slf

Choinnich sinn ri seann chàirdean mar Phàrlamaid na h-Eòrpa is Scran agus rinn sinn càirdean ùra bho Sgoil Rìoghail nan Dall agus RHS an Alba. Bha tòrr stuthan foghlam matha ann agus thàinig sinn dhachaidh le tòrr bheachdan airson pròiseactan ùra!

Mary Hershaw

Manaidsear Foghlaim a-staigh

Mary.hershaw@scottish.parliament.uk

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)