Connect! Samhradh soirbheachail airson obair òigridh #gàidhlig @EducationSP


Tha pròiseact Connect! aig sgioba na ruigsinneachd air a bhith gu math gu math trang as t-Samhradh. Ruith sinn Seiseanan Samhraidh airson buidhnean òigridh san Iuchar agus san Lùnastal am-bliadhna airson a’ chiad turais.

Chaidh na seiseanan seo a sgrìobhadh gu sònraichte airson nam buidhnean a thàinig a-steach agus thug iad seo cothrom don òigridh tighinn dhan Pàrlamaid, pàirt a ghabhail ann an bùithtean-obrach agus turas fhaighinn den Phàrlamaid. Chuir seo ris an tuigse aca air a’ Phàrlamaid agus dh’ionnsaich iad mu bhith a’ gabhail pàirt ann an obair na Pàrlamaid.

Bha am prògram seo gu math soirbheachail agus bha a h-uile seisean làn.

Chuir sinn fàilte air tòrr diofar bhuidhnean à air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach fòraman òigridh, buidhnean saor-thoileach, buidhnean carthannais, luchd fàgail-cùraim, clubaichean òigridh, aonaidhean oileanaich agus cùrsaichean comas-obrach (employability).

Anns an dealbh, chithear òigridh bhon chùrsa comas-obrach Smart Living ann an Cair Chaladain ann an Seòmar na Pàrlamaid.

Smart Living Connect Visit

Taing dhan a h-uile duine a thàinig air na cùrsaichean airson samhradh cho soirbheachail!

Airson barrachd fiosrachaidh mu na cùrsaichean againn, faic na duilleagan-lìn againn.

Hayley Cole

hayley.cole@scottish.parliament.uk