Turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh (3): Togalach, Seòmar is Comataidhean #gàidhlig @CynulliadCymru @assemblywales


Chaidh na h-oifigearan Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh san Ògmhios. Sa phost mu dheireadh san t-sreath, bheir sinn sùil air togalach is buill an t-Seanaidh.

Marc (cli) agus Alasdair (deas) anns an t-Senedd, os cionn an t-Seòmair

Fhuair sinn turas treòraiche inntinneach den togalach le Richard bho Sgioba Toiseach an Taighe agus mar phàirt de seo, fhuair sinn cothrom a dhol a-staigh gu Seòmar an t-Seanaidh fhèin agus gu bothan an eadar-mhìneachaidh. Chunnaic sinn cuideachd na seòmraichean comataidh agus an café poblach agus ionnsaich sinn gun deach filmadh a dhèanamh an dà chuid air Dr Who agus air Sherlock anns an t-Senedd!

Seòmar an t-Seanaidh, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Seòmar an t-Seanaidh

An ath latha fhuair sinn cothrom an Seòmar fhaicinn an gnìomh agus Ceistean dhan Phrìomh Mhinistear a’ dol air adhart. Chunnaic sinn Prìomh Mhinistear na Cuimrigh Carwyn Jones AM (Pàrtaidh Làbarach na Cuimrigh) agus e a’ freagairt cheistean bho na pàrtaidhean dùbhlanach. Bha cuid de na ceistean sa Chuimris agus cuid sa Bheurla.

Tha 60 Buill Seanaidh anns an t-Seanadh agus, coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha iad air an taghadh tro shiostam PR ball a bharrachd.

Bothan Eadar-mhìneachaidh, Seòmar Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba cuideachd, tha comataidhean uamhasach cudromach ann an obair an t-Seanaidh. Agus bidh comataidhean an t-Seanaidh ag obair gu dlùth ri sgioba an fhoghlaim agus sgioba na coimhearsnachd (outreach) gus beachdan an t-sluaigh a shireadh air obair rannsachaidh nan comataidhean, a’ gabhail a-staigh beachdan bho sgoilearan.

Chunnaic sinn cuid de na bhideothan a rinn sgioba na coimhearsnachd airson diofar rannsachaidhean comataidh agus chaidh sin an uair sin gus sgioba na Làraich-lìn is nam Meadhanan Sòisealta airson barrachd ionnsachadh mun t-Seanadh air-loidhne.

Le sgioba nam Meadhanan Sòisealta

Tha seanail YouTube aig an t-Seanadh le tòrr mòr bhideothan, chan ann a-mhàin de ghnothaichean an t-Seanaidh ach cuideachd bhideothan a’ brosnachadh a’ phobaill gus pàirt a ghabhail san obair aice. Tha e cuideachd air Twitter agus Facebook agus tha na teachdaireachdan air fad san dà chànain.

Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, tha Seanadh na Cuimrigh 15 bliadhna a dh’aois am-bliadhna agus tha iad air sreath de bhideothan a dhèanamh air a bheil 15 years in 15 seconds!

Ged nach robh ach dà latha againn airson ionnsachadh mu 15 bliadhna de dh’fhèin-riaghladh sa Chuimrigh, fhuair sinn fiosrachadh gu leòr – agus ideathan gu leòr airson obair leasachaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Diolch yn fawr Cynulliad Cenedlaethol Cymru!

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk