Turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh (2): Cànan is Cumhachdan #gàidhlig @CynulliadCymru @assemblywales


Chaidh na h-oifigearan Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh san Ògmhios. San darna post seo, bheir sinn sùil air cànanan is cumhachdan an t-Seanaidh.

Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh - Y Pierhead agus Y Senedd

Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh – Y Pierhead agus Y Senedd

Mar phàirt den turas againn, choinnich sinn ri grunn dhaoine co-cheangailte ri Cuimris san t-Seanadh. Choinnich sinn ri Mair Parry Jones, ceannard Sgioba an Eadar-theangachaidh is Eadar-mhìneachaidh agus Sarah Dafydd, Manaidsear Sgeama Cànain Oifigeil an t-Seanaidh.

Sarah Dafydd agus Mair Parry Jones, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Sarah Dafydd agus Mair Parry Jones, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Ionnsaich sinn gu bheil an Seanadh an sàs gu mòr ann an eadar-theangachadh innealach no machine translation dhan Chuimris. Leis a seo, thèid eadar-theangachadh bunaiteach a dhèanamh leis a’ choimpiutair agus an uair sin, bidh an teacs uile ga ath-leughadh is ga cheartachadh le eadar-theangairean gus eadar-theangachadh ceart a dhèanamh. ‘S e pròiseact mòr tionnsgalach cudromach a tha seo.

Gheibhear an sgeama air fad air làrach-lìn Seanadh na Cuimrigh.

Sgeama Cànain Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Sgeama Cànain an t-Seanaidh

A thaobh sgeama nan cànanan oifigeil, tha feallsanachd anns an sgeama gu bheil gach neach-obrach cudromach ann an leasachadh na Cuimris – fiù’s mur eil Cuimris no mòran Cuimris aca.

Seo criomag à aithris amasan an sgeama:

 “Everyone has a right to interact with the Assembly in the official language of their choice. Where there are barriers to this, we will work to remove them so that the Assembly demonstrates a continuous drive towards becoming a truly bilingual institution where Welsh is used and heard”.

 Mar phàirt den sgeama, tha luchd-obrach uile an t-Seanaidh Nàiseanta air cùrsa trèanadh-aire (awareness training) Cuimris a dhèanamh.

Aig deireadh a’ chiad latha againn anns an t-Seanadh Nàiseanta, bha cothrom againn a dhol gu coinneamh sgioba aig Sgioba Conaltraidh an t-Seanaidh. ‘S e coinneamh gu math inntinneach a bha seo oir dh’ionnsaich sinn mu na cumhachdan ùra a tha Seanadh na Cuimrigh gu bhith a’ faighinn tro Bhile na Cuimrigh 2014.

Seòmar an t-Seanaidh – faodaidh na Buill Seanaidh Achdan a dhèanamh a-nis

Nuair a chaidh an Seanadh a stèidheachadh ann an 1999, bha an cumhachd aige fo-reachdas (subordinate legislation – òrdughan/riaghailtean) a-mhàin a dhèanamh, eu-choltach ri Pàrlamaid na h-Alba agus Seanadh Èireann a Tuath aig an robh cumhachd prìomh reachdas (primary legislation ­– achdan) a dhèanamh cuideachd. Tro Achd Riaghladh na Cuimrigh 2006, fhuair an Seanadh cumhachd gus prìomh reachdas a dhèanamh air cùisean tiomnaichte ach dh’fheumadh an Seanadh ceud fhaighinn bho Phàrlamaid na RA an tòiseach gus seo a dhèanamh.

Ann an 2011, bhòt muinntir na Cuimrigh ann an reifreann gus cumhachd a thoirt don t-Seanadh prìomh reachdas a dhèanamh air na cuspairean a tha fo smachd an t-Seanaidh gun a bhith a’ faighinn ceud bho Westminster. Mar sin, faodaidh an Seanadh achdan a dhèanamh a-nis air a h-uile cùis thiomnaichte.

Bidh an Seanadh Nàiseanta a’ faighinn tomhas de chumhachd a thaobh chìsean tro Bhile na Cuimrigh 2014.

Ri leantainn….

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk