Turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh (1): Foghlam #gàidhlig @CynulliadCymru @assemblywales


Air ais anns an Ògmhios, chaidh na h-oifigearan leasachaidh Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, Marc is Alasdair air turas dà latha airson ionnsachadh mu Sheanadh Nàiseanta na Cuimrigh ann an Caerdydd/Cardiff.

Bha sinn airson faighinn a-mach mu thòrr diofar rudan: foghlam, na meadhanan sòisealta, obair coimhearsnachd, eadar-theangachadh, eadar-mhìneachadh agus àite na Cuimris san t-Seanadh.

Thòisich an turas againn le turas gu Tŷ Hywel còmhla ri Mari Wyn Gooberman, Ceannard an Fhoghlaim anns an t-Seanadh. Fhuair an togalach seo ainm bho Hywel Dda, rìgh Cuimreach ainmeil san deicheimh linn a chòdaich (codified) laghan na Cuimrigh.

Ty Hywel, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Tha seòmar sònraichte san togalach seo air a bheil Siambr Hywel (Seòmar Hywel). B’ e seo Seòmar Deasbaid an t-Seanaidh bho fhosgladh an t-Seanaidh ann an 1999 gu 2006 nuair a ghluais an Seòmar agus na comataidhean dhan dachaigh bhuan aca ann an togalach Y Senedd.

Nuair a ghluais na Buill a-mach à Siambr Hywel, ghluais òigridh na Cuimrigh a-steach oir ’s ann an sin a bhios na seiseanan foghlaim gan cumail airson sgoiltean. ‘S e fìor dheagh àite a tha seo airson a leithid oir tha cothrom aig na sgoilearan suidhe ann an seòmar deasbaid ceart ann an reachdadaireachd (legislature) cheart is iad a’ cleachdadh nam putanan bhòtaidh is micreofonaichean dìreach mar na Buill Seanaidh fhèin.

Marc agus Sgioba Foghlaim an t-Seanaidh Nàiseanta

Marc agus Sgioba Foghlaim an t-Seanaidh Nàiseanta

Bidh an sgioba ag obair tron dà chànan agus a’ toirt seachad seiseanan foghlaim do sgoiltean Cuimris agus Beurla. Coltach ri Pàrlamaid na h-Alba, bidh seanadh na Cuimrigh a’ toirt seachad seiseanan foghlaim an dà chuid anns an t-seanadh agus air feadh na dùthcha. Bha e uamhasach math coinneachadh ri Mari, Enfys, Olwen agus Dilwyn anns an sgioba foghlaim.

Chunnaic sinn tòrr de na stuthan foghlaim a th’ aca san t-seanadh cuideachd.

Stuthan foghlaim aig Seanadh na Cuimrigh

Tha goireas gu sònraichte math aca – dealbh-balla mòr anns an t-seòmar foghlam le seallaidhean à air feadh na Cuimrigh a tha a’ sealltainn nan cùisean tiomnaichte uile. Tha seo ri fhaighinn mar phostair cuideachd.

Tha goireas inntinneach aca cuideachd mun àrainneachd agus Seanadh na Cuimrigh, a’ coimhead air cho uaine sa tha an togalach.

An Dealbh-balla ann an Siambr Hywel

An Dealbh-balla ann an Siambr Hywel, Seanadh na Cuimrigh

Ri leantainn….

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

3 thoughts on “Turas gu Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh (1): Foghlam #gàidhlig @CynulliadCymru @assemblywales

Tha na beachdan dùinte.