Seiseanan sgoile rim faighinn aig Latha na Gàidhlig #gaidhlig


Mar phàirt den phrògram againn airson Latha na Gàidhlig an seo ann an Taigh an Ròid air 27 Samhain 2014, bidh sinn a’ toirt seachad na Seiseanan Foghlaim uile againn sa Ghàidhlig.

Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Eideann

Bidh 3 seiseanan ann mar a leanas:

09:30  Seisean Foghlaim, Turas agus Q&A le BPA (Bidh an dà chuid an Seisean Foghlaim agus an Turas anns a’ Ghàidhlig)

11:00  Seisean Foghlaim, Tiocaidean airson Ceistean dhan Phrìomh Mhinistear agus Q&A le BPA (S1 agus nas sine a-mhàin)  Tha an seisean seo a-nis làn.

13:15  Seisean Foghlaim, Q&A le BPA agus Tiocaidean dhan t-Seòmar Deasbaid gus Deasbad fhaicinn beò 

Faodar na seiseanan seo a chlàradh bho 25mh Lùnastal air a’ fòn a-mhàin air stèidh ‘first come, first served’ air 0131 348 5401.

Riaghailtean:

  • ‘S e 40 an àireamh as motha airson gach seisean, a’ gabhail a-staigh luchd-obrach.
  • Chan fhaod sgoiltean ach aon seisean a chur air dòigh an urra
  • Tha an seisean airson Ceistean dhan Phrìomh Mhinistear airson S1 agus nas sine a-mhàin

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk