Mil air do bheul! Seilleanan-meala ann am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig


Air ais anns an Ògmhios, chur Pàrlamaid na h-Alba fàilte air an luchd-tadhail as ùire don àite – seilleanan-meala.

Tricia Marwick, an t-Oifigear Riaghalaidh leis na seileanan ùra

Tricia Marwick, an t-Oifigear Riaghalaidh leis na seileanan ùra

Tha dà bheachlann a-nis ann an Gàradh Pàrlamaid na h-Alba – an dachaigh ùr do na seilleanan seo. Seo am fios naidheachd againn mu dheidhinn.

‘S e Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad phàrlamaid no seanadh san RA aig an bheil beachlann.

Thàinig am pròiseact gu bith ri linn draghan daoine mu chrìonadh uabhasach seilleanan na sgìre sna bliadhnaichean a chaidh seachad agus mar a tha droch bhuaidh aig seo air poileanachadh bharran, lusan is seòrsaichean sònraichte de choilltean.

Thathar an dùil gun cruthaich iad eadar 80 agus 120lb de mhil am-bliadhna.

Bidh buannachd ann do dh’àrainneachd fharsaing Dhùn Èideann, gu h-àraidh ann an àiteachan uaine na cathrach, sna pàircean agus sna liosan, uiread ’s dhà mhìle gu leth mun cuairt air a’ Phàrlamaid.

Thèid na beachlannan a stiùireadh agus a chumail a’ dol le Mil Ghleann Cheilbhein / Kelvin Valley Honey, gun chosg sam bith air Pàrlamaid na h-Alba.

Tha duilleag agus FAQ  mun phròiseact seo ri fhaighinn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Alasdair

gàidhlig@scottish.parliament.uk