Bith-iomadachd ann an gàradh na Pàrlamaid #gàidhlig


Air ais ann an 2012, dh’aithris sinn gun robh prògram Real Action on Carbon Emissions aig Pàrlamaid na h-Alba ag obair le Gàrraidhean Luibheanach Rìoghail Dhùn Èideann gus flùraichean fiadhaich a chur ann an gàradh na Pàrlamaid.

Gàradh na Pàrlamaid

Anns an Ògmhios 2014, thàinig Heather McHaffie bho na Gàraidhean Luibheanach gus adhartas nan lusan a shealltainn do luchd-obrach na Pàrlamaid.

garadh2

Rinn bodach nan claigeann (rhianthus minor – yellow rattle) gu sònraichte math. Lorg sinn seòrsa fumaria (lus deatach-thalmhainn) gu math tearc cuideachd.

garadh1

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk