Grèis-bhrat Mòr na h-Alba aig Taigh an Ròid


Tha fear de phròiseactan mòra ealain coimhearsnachd na h-Alba, Grèis-bhrat Mòr na h-Alba (The Great Tapestry of Scotland), air tilleadh gu Pàrlamaid na h-Alba.

Is e an Grèis-bhrat Mòr na h-Alba an grèis-bhrat as fhaide air an t-saoghal – 143 meatair a dh’fhaid. Tha gach fear dhe na 160 pannal àlainn mion-chruthaichte a’ glacadh amannan àraid fa leth ann an eachdraidh 420 millean bliadhna na h-Alba.

tapestry-detail-IonaFP

Chaidh an sàr-phios ealain seo a chumadh leis an ùghdar Albannach Alexander McCall Smith cuide ris an neach-eachdraidh Alasdair Moffat agus an neach-ealain Andrew Crummy.

Thug mìle neach-fuaigheil o aois 4 gu 94 eachdraidh na h-Alba beò tro obair-ghrèis. Bha còrr is 50,000 uair a thìde san obair, agus tha eadhan aig an ìre seo còrr is 100,000 duine às Alba, às an Roinn Eòrpa ’s às tìrean eile air sùil a thoirt air a’ Grèis-bhrat ann an diofar àite thar Alba o chaidh a nochdadh an toiseach sa Phàrlamaid sa bhliadhna 2013.

Thuirt Alexander McCall Smith:

“An turas mu dheireadh a thàinig an Grèis-bhrat chun na Pàrlamaid, bha pannal no dhà nach robh crìochnaichte. A-nis agus an obair sin dèanta tha sinn ga fhaicinn na ghlòir iomlan, air thaisbeanadh air sgàth muinntir is luchd-tadhail na h-Alba, anns an togalach a tha aig teis-meadhain beatha phoblach na h-Alba.

“Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil cothrom aig an fheadhainn sin nach fhaca e ann an Dùn Èideann an-uiridh an sàr-obair ealain àraid seo fhaicinn agus iongnadh a ghabhail a thaobh na chaidh a chur ann de ghràdh le còrr is mìle neach-ealain saor-thoileach bho air feadh Alba. Tha am fosgladh poblach den taisbeanadh iomlan glè chudromach dhuinn uile a bha an-sàs sa phròiseact-sa.”

Airson barrachd fiosrachaidh nach toir sibh sùil air duilleag nan tachartas a tha ceangailte ri Grèis-bhrat Mòr na h-Alba agus iad saor ’s an asgaidh.

 Oifigear Gàidhlig