Deasbad digiteach: Cumhachd do na h-Eileanan! #gàidhlig #power2islands


Bidh Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh ann an Steòrnabhagh a-màireach agus iad a’ gabhail fianais mu dheamocrasaidh ionadail ann an àiteachan iomallach is eileanach.

Mar phàirt de seo, bidh a’ chomataidh a’ sireadh bheachdan air Twitter eadar  10:30m agus 12:30f. Cleachd an taga-hais #power2islands.  Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan sa Ghàidhlig.

Bidh BPA bhon chomataidh an làthair is cluinnidh iad na beachdan agaibh.

Am measg nan rudan a tha a’ chomataidh ag iarraidh cluinntinn mu dheidhinn tha:

Barrachd cumhachd no na h-Eileanan:

  • Dè ur beachd air molaidhean Our Islands our Future le ùghdarrasan nan eilean? (Arcaibh, Na h-Eileanan Siar, Sealltainn,)

Riaghaltas ionadail:

  •  Riaghaltais ionadail agis coimhearsnachdan iomallach no eileanach?

Airson barrachd fiosrachaidh, faic am fios naidheachd  againn.

Bidh coinneamh phoblach ann madainn a-màireach ann an Togalach Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh cuideachd a bhios fosgailte dhan t-sluagh. Gheibhear barrachd fiosrachadh mu deidhinn air làrach-lìn na Comataidh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk