@ParlAlba a’ gabhail pàirt sa chiad Latha Twitter Gàidhlig #gàidhlig


Thèid a’ chiad Latha Twitter Gàidhlig a chumail Diardaoin 1 Cèitean.

’S e amas an latha a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta.

Bidh Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt anns an latha le tweets sa Ghàidhlig an dà chuid bhon chunntas Ghàidhlig againn @ParlAlba ach cuideachd bhon phrìomh chunntas Beurla againn @ScotParl.

latha-gaidhlig-white-copy2

Tha 11 de na comataidhean againn air Twitter agus bidh iad uile a’ gabhail pàirt san latha, a’ coimhead air cuspairean bho Dhrochaid Ùr an Fhoirthe gu tabhartasan bhall-chuirp agus Bile Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

‘S e deagh dhòigh faighinn a-mach mu obair na Pàrlamaid a bhith a’ leantainn nan comataidhean againn.

Bidh Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh (@SP_LocalGovt) a’ sireadh bheachdan a’ phobaill tro Twitter – sa Ghàidhlig no sa Bheurla – Dihaoine eadar 10.30 agus 12f mar phàirt de choinneamh choimhearsnachd a tha a’ coimhead air coimhearsnachdan eileanach is iomallach agus na structaran riaghaltais ionadail a tha a dhìth orra. Tha barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn seo ri fhaighinn air duilleagan na comataidh.

Ma tha Gàidhlig agad no ma tha thu ga h-ionnsachadh, bhiodh e math cluinntinn bhuat sa Ghàidhlig air Latha Twitter na Gàidhlig. Dìreach cuimhnich an taga-hais #gàidhlig a chleachdadh.

Ach ged a tha e sgoinneil Gàidhlig a chleachdadh air an Latha Twitter Gàidhlig, na diochuimhnich an abairt “tha cù agad fad beatha agus chan ann a-mhàin airson na Nolalig” – faodaidh tu Gàidhlig a chleachdadh leinn uair sam bith!

Tha sinn a’ toirt sùil air twitter ann an Gaelic Word of the Week an t-seachdain seo cuideachd agus sinn a’ coimhead air # agus @.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament