Dubh dorcha ann am Pàrlamaid na h-Alba! #gàidhlig #earthhour


Bidh Pàrlamaid na h-Alba am measg nam buidhnean poblach a bhios a’ gabhail pàirt ann an iomairt Uair na Talmhainn Disathairne seo.

 Gabhaidh Uair na Talmhainn àite eadar 8.30f agus 9.30f air Disathairne 29 Màrt agus bidh a’ mhòr-chuid de na solais againn dheth.

bac7baa7a198e77e61fa112a8315eae7

Thèid Uair na Talmhainn a chumail air feadh an t-saoghail gach bliadhna aig deireadh a’ Mhàirt gus daoine, coimhearsnachdan, buidhnean poblach is gnìomhachasan a bhrosnachadh gus na solais aca a chur dheth fad uair a thìde gus an an taic dhan phlanaid a nochdadh.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn aig www.earthhour.org.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk