Pod-chraolaidhean Gàidhlig do na sgoiltean #gàidhlig #bàrdachd


Mar phàirt den obair foghlaim againn, tha Pàrlamaid na h-Alba air sreath de shia podcasts a chlàradh do sgoiltean.

1508620_561461303952300_254339449_n

Tha iad a’ coimhead air eachdraidh na Pàrlamaid, mar a nithear laghan agus mar as urrainn dhut dhol an sàs. Tha iad cuideachd a’ coimhead air cuid den bhàrdachd air Balla a’ Chanongate – balla air a’ Mhìle Rioghail air a bheil bàrdachd is as-earrannan (quotes) eile sgrìobhte.

Faodaidh tu èisteachd ris na prògraman air Soundcloud na Pàrlamaid.

Tha na prògraman a’ ceangal obair an Pàrlamaid ri Balla a’ Chanongate. Tha 26 às-earrannan snaidhte air a’ bhalla agus chaidh an taghadh ann an co-fharpais phoblach.

Tha na às-earrannan uile co-cheangailte ri Alba agus ris a’ Phàrlamaid agus nam measg tha bàrdachd, gnàth-fhacail, sailm is eile. Tha iad ann am Beurla, Gàidhlig agus Scots agus tha obair bho chuid de na sgrìobhadairean as cliùitiche ann an Alba ann.

canongate

‘S e Latha Eadar-nàiseanta na Bàrdachd a th’ ann an-diugh agus tha gu leòr bàrdachd air a’ bhalla, a’ gabhail a-steach beagan le Deòrsa Mac Iain Deòrsa:

Is i Alba nan Gall’s nan Gaidheal is gàire is blàth is beatha dhomh. 

Tha sinn air goireas foghlam do sgoiltean a dhèanamh co-cheangailte ri bàrdachd anns a’ Phàrlamaid cuideachd. An dòchas gun còrd e ruibh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk