Bho Dhail Bràigh gu Taigh an Ròid! #gaidhlig


Chuir sinn fàilte Diluain air tìdsearan agus sgoilearan bho Acadamh Dhail Bràigh ann am Mabou, Alba Nuadh, Canada. Bha an cuairt gu Taigh an Ròid mar phàirt de thuras culturach cànanach foghlaim nas fharsainge a bhios a’ cur ri rannsachaidhean eachdraidh nan sgoilear aig baile nan sgoil ann an Dail  Bràigh.

Chaidh an luchd-tadhail à Ceap Breatainn air turas treòraichte anns a’ Ghàidhlig , fhuair iad seisean fiosrachaidh mu Ghàidhlig sa Phàrlamaid agus às a dhèidh bha cothrom againn a bhith a’ cabadaich mu chùisean Gàidhlig agus a’ roinn ar fèin-eòlas air cor na cànain ann an Alba Nuadh agus ‘san t-Seann Dùthaich’.

IMG_0548

Chaidh an turas a chur air dòigh an co-bhoinn ri Sgioba Ghàidhlig Còmhairle na Gàidhealtachd.  Bidh na sgoilearan ann an Alba fad 10 làithean agus a’ tadhal air a’ Ghearasdan, Àrd-sgoil Loch Abar , Àrd-sgoil Aird nam Murchan, Sabhal Mòr Ostaig agus Àrd-sgoil Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach, bho sin thèid iad gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a’ Phloc mus gabh iad Inbhir Nis agus Cùil Lodair orra.  

Nam bu toil leat fhèin tadhal air a’ Phàrlamaid gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo:  http://www.scottish.parliament.uk/gd/visitandlearn/24228.aspx

Tha tursan againn an-asgaidh agus uair a thìde de dh’fhaid. Agus gu h-àbhaisteach bidh cuairt gu urlar an t-Seòmair Dheasbaid, Lobaidh a’ Ghàrraidh agus gu Seòmar Comataidh mar phàirt dhen turas.  Tha tursan tron Ghàidhlig rim faighinn ach dh’fheumadh an cur air dòigh ro làimh.

Air na tursan againn a tha gan cumail sa Bheurla faodaidh luchd-tadhail fear de na h-innealan claisneachd againn a chleachdadh a bheir seachad geàrr-chunntas air an turas ann an iomadach cànan, Gàidhlig nam measg.

Marc

 gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s