A’ Ghàidhlig – cleachd i còmhla ruinn a h-uile latha #imld14 #gàidhlig


’S e Latha Eadar-Nàiseanta nan Cànan Màthaireil a th’ ann an-diugh – 21 Gearran.  ‘S e amas an latha seo a bhith a’ togail mothachadh air iomadachd cànain is cultair.

Soidhne ioma-chànanach an Alba

Tha Pàrlamaid na h-Alba ag aithneachadh iomadachd cànain na h-Alba tron phoileasaidh cànain is plana Gàidhlig aice, a tha a’ toirt seachad fios mu mar as urrainn dhut cànanan seach Beurla a chleachdadh is tu a’ dèiligeadh ris a’ Phàrlamaid, bho Ghàidhlig is BSL gu Beangailis , Sìnis, Pòlainnis, Urdu agus tòrr chànanan eile. Tha a’ Phàrlamaid cuideachd na pàirt den sgeama Happy to Translate, sgeama nàiseanta a chaidh a dhealbhadh gus am biodh cothrom co-ionnan aig daoine tro bhith a’ dèanamh a’ chùis air bacaidhean cànain.

Gus an latha seo a chomharrachadh, tha sinn air “Latha Eadar-nàiseanta nan Cànanan Màthaireil” a thaghadh mar fhacal Gàidhlig na seachdain.

Soidhne ioma-chànanach, Eilean Arainn

Nìs, mar a chanas iad sa chànan eile, chan ann airson na Nollaig a-mhàin a tha cù ach airson beatha! Tha an aon rud fìor mu chànanan. Tha e sgoinneil a bhith faicinn an-uiread de dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig air Latha Eadar-nàiseanta nan Cànan Màithreil ach faodaidh tu do chuid Gàidhlig a chleachdadh le Pàrlamaid na h-Alba a h-uile latha. Sgrìobh thugainn sa Ghàidhlig, cuir tweets thugainn sa Ghàidhlig, fag teachdaireachdan air ar Facebook, fòn thugainn sa Ghàidhlig, leugh an làrach-lìn againn.

Agus cha leig thu leas sgrìobhadh thugainn mun chànan fhèin – faodaidh sibh sgrìobhadh thugainn sa Ghàidhlig air cuspair sam bith co-cheangailte ri obair na Pàrlamaid agus gheibh thu freagairt sa Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk