Alba san Roinn Eòrpa às dèidh an reifreann – dè do bheachd? #eòrpa #gàidhlig


Tha Comataidh na h-Eòrpa is nan Dàimhean a-muigh a’ dèanamh rannsachadh an-dràsta air molaidhean Riaghaltas na h-Alba airson Alba san Roinn Eòrpa.

Mar phàirt den rannsachadh seo, tha a’ Chomataidh air bhideo a dhèanamh a tha a’ brosnachadh òigridh gus am beachdan a chur air adhart don rannsachadh.

Ma tha beachd sam bith agad air a’ chùis, na bi leisg sin a dhèanamh tro twitter @SP_ European no air làrach Facebook na Pàrlamaid no tron phost-d: Europe@scottish.parliament.uk.

Agus na diochuimhnich gu bheil sinn a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

One thought on “Alba san Roinn Eòrpa às dèidh an reifreann – dè do bheachd? #eòrpa #gàidhlig

Tha na beachdan dùinte.