Connect! Fàilte bho Hayley #gàidhlig


Haidh a h-uile duine. Is mise Hayley Cole agus tha mi dìreach air obair ùr a thòiseachadh mar Oifigear Goireasan Foghlaim ann an Sgioba Ruigsinn na Pàrlamaid. Tha mi air an obair seo a ghabhail thairis bhon cho-obraichean agam Frances a tha air a dhol thall thairis air fòrladh dreuchd fad 12 mìosan – gura math a thèid leatha!

 hs

(Hayley – air an làimh chlì)

Tha mi air a bhith ag obair sa Phàrlamaid fad cha mhòr còig bliadhna a-nis, ag obair an dà chuid mar Oifigear Seirbheisean Luchd-tadhail agus mar Oifigear Foghlaim agus bidh mi fhathast ag obair mar Oifigear Foghlaim cho math ris an obair ùir agam. Mar Oifigear Goireasan Foghlaim, bidh mi ag obair gus prògram a chur air dòigh airson òigridh aois 16-24, a’ gabhail a-staigh a’ phròiseact foghlaim peer-2-peer Connect!  Tha mi airson tòrr mòr òigridh a bhrosnachadh gus ionnsachadh mun Phàrlamaid agus gus pàirt a ghabhail san obair aice.

 Ma tha beachd sam bith agad air a chuspair seo a tha thu airson bruidhinn rium mu dheidhinn no ma tha thu ag iarraidh barrachd fios, thoir sùil air an làraich-lìn againn. Gheibh thu am fios conaltraidh agam an-sin cuideachd. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn bhuat!

Hayley

hayley.cole@scottish.parliament.uk

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s