Pàrlamaid na h-Alba a’ tighinn gu Dùn Breatann #gaidhlig


Thèid an ath Latha na Pàrlamaid a chumail air 24 Gearran ann an Dùn Breatann.

Ri linn gnothaichean an latha, bidh An t-Oifigear Riaghlaidh agus Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa a’ gabhail os làimh sreath de choinneamhan cuide ri buidhnean ionadail. Cuideachd cumaidh a’ Chomataidh coinneamh fhoirmeil far an tog iad fianais mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile an Taigheadais (Alba).

Agus i ag ainmeachadh Latha Pàrlamaid an Dùn Breatann, thuirt An t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:

“Tha Latha na Pàrlamaid mar shar-chothrom do mhuinntir Dhùn Breatann coinneachadh ris na BPAan ionadail aca ’s a bhith an-sàs ann an obair na Pàrlamaid aca. Tha mi a’ dèanamh fiughair nach beag ri bhith a’ coinneachadh ri muinntir an àite agus ri buidhnean ionadail is a bhith ag èisteachd ris na tha aig na daoine ri ràdh mu na ceistean a bheir buaidh air am beatha làitheil.”

Stèisean Dùn Breatann Meadhain (DBC)

Thuirt Neach-gairm Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa, Maureen Watt BPA:

“Tha a bhith a’ cluinntinn o dhaoine ionadail mu na ceistean a tha a’ toirt buaidh orra cudromach do gach comataidh Pàrlamaid. A thaobh na Comataidh agam, a bhios a’ beachdachadh air seirbheisean bun-structair a bhios daoine is gniomhachasan a’ cleachadh gach latha, leithid am bann leathan, rathaidean, àite-fuirich, tha seo gu sònraichte cudromach dhuinne.

“Tha Bile an Taigheadais (Alba) a tha a’ dol tron Phàrlamaid an ceartuair a’ toirt buaidh air uachdarain, luchd-mail, iadsan a bheil dachaighean air mhail aca agus iadsan aig a bheil dachaighean-siubhail. Nì mi fiughair ri bhith a’ coinneachadh agus ag èisteachd ri daoine o Dhùn Breatann ’s mun cuairt mun bhile oir ’s e ar n-obair a bhith gan riochdachadh ann an obair na Pàrlamaid.”

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s