Òg, Misneachail agus Ceangailte! #gaidhlig


Thadhail an iomairt òigridh YCC air Pàrlamaid na h-Alba na bu thràithe am bliadhna agus rinn Frances Culpin aig Sgioba Ruigsinn na Pàrlamaid agallamh le Suneet Lalli, ball den bhuidhinn.

YCC ann am Pàrlamaid na h-Alba

YCC ann am Pàrlamaid na h-Alba

Frances: Tapadh leat gu dearbh, Suneet, airson an t-agallamh a dhèanamh leinn. Bha e math fhèin coinneachadh riut agus ris a’ chòrr den bhuidhinn aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a thadhail sibh air a’ mhìos seo agus mar sin bha sinn ag iarraidh gu mòr rud beag a bharrachd a chluinntinn mun chlàr. Tiugainneamaid!

  1. An innis thu dhuinn mun iomairt YCC (Young Confident and Connected – Òg, Misneachail agus Ceangailte) anns a bheil thu an sàs?

Is e tionnsgnadh farsaing beothail a tha ann an YCC a leigeas leis an òigridh à iomadh cinneadh aig car an aon aois, le eachdraidh is dòigh-beatha eadar-dhealaichte, dol an sàs ann an caochladh sheòrsaichean de thrèanadh a dh’fhàgas sinn uile nas fheàrr do shaoghal an obrach. Tha a h-uile neach a tha an sàs anns an iomairt eadar-dhealaichte agus is e sin a bhios ga dhèanamh cho inntinneach dhuinn uile. Gheibh sinn an cothrom nithean nach fhaiceamaid mar as trice fhiosrachadh agus eòlas fhaighinn ann an raointean ris nach biodh ceangal againn mar as trice.

Tha na seòrsaichean de thrèanadh a rinn sinn air a bhith gu math farsaing agus misneachail. Tha buidhnean-obrach ann an togail-fheartan (character building) air a bhith againn, trèanadh ann an Innleachd-mothachaidh (Emotional Intelligence) a thug Poileas Shrath Chluaidh seachad agus caochladh chothroman eile. Bha an turas againn gu Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt de thrèanadh ann an Ceanglaichean Catharra. A rèir choltais, is e prògram a tha ann a bhios a’ leudachadh fad na tìde, le rudan ùra gan cur ris gach seachdain agus barrachd is barrachd chompanaidhean a’ dol an sàs ann! Tro aon seòrsa de thrèanadh, bidh a liuthad cothrom a’ nochdadh. Tha sinn air a bhith gu math fortanach gu ruige seo.

  1. Dè an rud as motha a tha thu airson ionnsachadh bho seo?

Bho seo is e an t-amas a tha agam fhèin ceangal soirbheachail a dhèanamh le caochladh chompanaidhean is ionadan-obrach gus na roghainnean agam a thaobh dreuchd a leudachadh. Tha mi an dòchas rudan ùra ionnsachadh tro obair YCC agus cothrom fhaighinn dol an sàs ann an cuspairean nach taghainn mar as trice. Tha e daonnan cuideachail a bhith fiosraichte mu chuspairean neo-chumanta.

San tionnsgnadh feumaidh sinn a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri càch-a-chèile mar bhuidheann agus bha e na urram dhomh fhèin eòlas fhaighinn air an leithid de dhaoine gasta ann an ùine gu math goirid. Mar a dh’ainmich mi roimhe, is e daoine eadar-dhealaichte a tha annainn uile le fiosrachadh eadar-dhealaichte, agus bidh sinn ag obrachadh cho math mar sgioba anns na suidheachaidhean uile a thaobh trèanaidh agus tro na buidhnean-obrach. Nuair a bhios tu a’ feuchainn ri eòlas a chur air buidheann mhòr ùr de dhaoine, thèid do chuid misneachd is sgilean sòisealta a chur gu deuchainn agus thug e leasachadh dha-rìribh air an fheadhainn agam fhèin!

Seach gu bheil an tionnsgnadh ag obair air cinnidhean beaga, bu mhath leam tighinn a-mach à seo le tuigse dhomhainn air reachdas mu Cho-ionannachd Cinneadail agus mar a thathar a’ toirt seo gu buil san àite-obrach.

  1. An robh aon rud sònraichte ann a dh’ionnsaich no a dh’fhiosraich thu gu ruige seo a thug buaidh mhòr ort?

Tha an trèanadh agus na prògraman anns a bheil sinn an sàs gu ruige seo uile ceangailte ri chèile. Thug a’ bhuidheann-obrach ann an togail-fheartan a chùm companaidh air a bheil Radiant and Brighter buaidh mhòr oirnn uile, oileanaich, luchd-ceuma agus fiù’s an fheadhainn nar measg a tha air iomairtean sòisealta a ruith gu soirbheachail. Chaidh an luach a tha air an ùine againn ionnsachadh dhuinn, mar a chuireas sinn na buadhan againn gu feum gach latha agus na bacaidhean pearsanta againn fhèin a bhriseadh sìos gus amas sam bith a thoirt gu buil. Agus tha iad seo uile, mar a dh’aontaicheadh duine sam bith tha mi cinnteach, math fhèin mar ionnsachadh air an t-saoghal.

  1. Ciamar a tha thu an dòchas an t-eòlas seo a chur gu feum san ùine air thoiseach?

Cheumnaich mi bho chionn ghoirid agus tha mi aig ìre far nach eil cinnt agam an cùm mi orm le barrachd oideachaidh no an tèid mi ri dreuchd. Bha mi fortanach a bhith comasach air a’ bhliadhna seo a ghabhail agus a cur gu feum gus fiosrachadh fhaighinn air an t-saoghal is air obair. Tha a’ toirt a’ chomais as fheàrr às mar a chleachdas mi mo chuid ùine air a bhith na sgil luachmhor mar sin a chleachdas mi gu gnàthach agus nuair a nì mi co-dhùnadh air a’ cheann thall dè an dreuchd ris an tèid mi is cinnteach gun cleachd mi na neartan agam san àite-obrach agus feuchainn ri mo dhìcheall a dhèanamh gach latha.

  1. Am faod thu aon mhìr de dh’fhiosrachadh no de dh’eòlas a dh’ionnsaich thu bhon turas agad gu Pàrlamaid na h-Alba innse dhuinn?

Mus do thadhail mi air Pàrlamaid na h-Alba bha tuigse car doilleir agam air mar a bhios a’ Phàrlamaid ag obair ann am fìrinn agus air an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba ach an dèidh a bhith san luchd-èisteachd aig Ceist a’ Phrìomh Mhinisteir, spreag e mi gu bhith nas mothachaile ann an seagh poilitigeach. Tha mi ag iarraidh cumail suas ri dà thaobh an deasbaid agus tha barrachd eòlais air a’ chuspair agam a’ leigeil leam ceanglaichean a dhèanamh agus an t-atharrachadh a tha air fàire a dheasbad leotha. Dh’iarrainn air a h-uile duine fàs nas mothachaile ann an seagh poilitigeach, an dèidh a h-uile càil tha de chomas aig an òigridh cruth a chur air an ùine air thoiseach!

Frances: Tapadh leat gu mòr Suneet, airson agallamh a dhèanamh còmhla ruinn! Bha e fìor mhath coinneachadh riut agus leis a’ bhuidhinn air fad nuair a thadhail sibh air Pàrlamaid na h-Alba. Gur math a thèid leis a’ chòrr den phrògram.

Tha barrachd fios mun turas aig YCC ri fhaghinn air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Frances Culpin

Frances.Culpin@Scottish.parliament.uk

(Air eadar-theangachadh bhon Bheurla)